Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Co. Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Litir ag iarraidh seann lìontan iasgaich
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_143
DEIT
24 An Lùnastal 1951
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1553
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach malairteach
bradan
iasgach a' bhradain
iasgach a' bhric
sìoman
ròpa
lìon
croitearachd
obair an fheòir
fighe
iasgach nan lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - Letter requesting old fishing nets

B' e seo tè de dh'iomadh litir a chaidh a chur gu Seumas Banks aig Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar le cuideigin ag iarraidh nan seann lìontan aca a cheannach bhuapa. Bha na lìontan seo glè fheumail airson cruachan feòir agus gràin a chòmhdach gus nach biodh a' ghaoth a' falbh leotha. Bhiodh iad a' tilgeil nan lìontan thar nan cruach agus gan cumail sìos le bhith a' crochadh clachan troma orra.

B' e obair mhòr a bh' ann ann an gnìomhachas iasgach a' bhradain na lìontan a chumail ann an deagh òrdugh. Mus tòisicheadh gach ràith iasgaich bhiodh lìontan ùra air an dèanamh le sreang no snaithnean. Anns an t-seusan, bhiodh àite sònraichte aig gach stèisean iasgaich far an crochadh iad suas na lìontan airson an tiormachadh, an sgrùdadh agus toll sam bith a chàradh. Mar bu trice, bhiodh aon lìon ga thiormachadh fhads' a bha an fheadhainn eile san t-sàl. Rè ùine bhiodh na lìontan ro bhriste airson cleachdadh airson iasgaich ach bha iad fhathast luachmhor aig croitearan na sgìre. Bhiodh Banks a' reic nan lìontan agus a' tarraing beagan airgid air ais agus gheibheadh na croitearan na lìontan a bhiodh, fiùs' ann am pìosan beaga, na bu shaoire na snaithnean a cheannach agus lìontan a dhèanamh dhaibh fhèin.

Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a’ bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a ‘West Highland Salmon Fisheries Co. Ltd’ (Companaidh Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a’ dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks tarsainn am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail’ Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail’ Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a’ Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a’ cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a’ tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a’ dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a’ gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a’ faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha dhiubh. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile gu lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh – faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Co. Iasgach-Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Litir ag iarraidh seann lìontan iasgaich

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach malairteach; bradan; iasgach a' bhradain; iasgach a' bhric; sìoman; ròpa; lìon; croitearachd; obair an fheòir; fighe; iasgach nan lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)