Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tarbat House, near Invergordon
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_009_0949
ÀITE
Baile Mhuilinn
SGÌRE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Sgìre Mhoire Shìos
DEIT
15 An Giblean 1982
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15724
KEYWORDS
ailtearachd
togalach
togalaichean
Tarbat House, near Invergordon

Tha Taigh An Tairbeairt suidhichte 7 cil an ear-thuath air Inbhir Ghòrdain faisg air Baile Mhuilinn.

Chaidh Taigh An Tairbeairt a tha na thaigh-mòr trì làir ann an dealbhadh clasaigech, a thogail ann an 1787 le Seumas MacLeran airson Iain MacCoinnich, am Morair MacLeòid (a chaochail 1789). Bha an taigh ann an teaghlach MhicCoinnich gus an do chaochail Sibell Lilian NicChoinnich ann an 1962. Chaidh Taigh An Tairbeairt a losgadh gu dona ann an ionnsaigh-teine ann an 1987 agus tha an taigh an-diugh ann an droch staid.

Tha Ealasaid Pheutan a' tarraing às na sgrìobhaidhean aig Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich Chunndainn anns an leabhar aice 'Ross & Cromarty - An Illustrated Architectural History', agus ann an 1810 thuirt esan gu bheil, "Tarbat House is quite plain outside. Within are some handsome rooms. A great deal of spàce has been taken up by the architect having indulged himself in displaying wide landing spàces, and a spàcious staircase. These are extremely pleasant during the summer months but are hardly suited to our long and dreary winters. The rooms are elegantly proportioned, and there is a fine view of Cromarty from the windows of the principal rooms."

Chaidh Taigh an Tairbeairt a thogail air làrach Taigh Ùr an Tairbeairt a chaidh a thogail le Seòras MacCoinnich, Biocas An Tairbeairt agus a' Chiad Iarla Chrombaidh anmoch anns an t-seachdamh linn deug. Chaidh an 'Taigh Ùr' a bha na thobhta a leagail mus deach Taigh an Tairbeairt a thogail agus chaidh pìosan de na bha air fhàgail dheth a thoirt a-steach dhan togalach ùr.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tarbat House, near Invergordon

ROS: Sgìre Mhoire Shìos

1980an

ailtearachd; togalach; togalaichean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept