Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Muileann-uisge Ghleann Dail, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_018_1214
ÀITE
Gleann Dail
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
DEIT
25 Cèitean 1982
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15800
KEYWORDS
àth
muileann arbhair
cuibhle uisge
muileann-uisge
Glendale Watermill, Skye

Tha am muileann-uisge ann an Gleann Dail na eisimpleir ainneamh de mhuileann-arbhair an 18mh linn a tha air obrachadh le lùths an uisge. Tha e na shuidhe an ceann Loch Poll Til far an robh sruthan (eas a’mhuilinn) air a stiùireadh tro dhìg gus an cuireadh e mun cuairt cuibheall-uisge fodha aig an deireadh. Bha am muileann a’ frithealadh nam bailtean croitearachd san sgìre agus leis mar a tha e meadhanach beag, tha fhios nach robh cus talamh treabhaidh san sgìre.

Ri taobh a’ mhuilinn tha àth ann, far am biodh an gràn air a thiormachadh mus deidheadh a bhleith sa mhuilinn fhèin. Bha tughadh air mullach a’ mhuilinn gu ruig mu 1914, nuair a chaidh sglèat a chur air na àite, ach chaidh eam muileann gu neo-fheum beagan an dèidh sin. San dealbh-chamara chithear an togalach ùr-chàraichte ann an 1982. ’S ann à Muileann Ròigeart ann an Cataibh a tha an dà chlach-mhuilinn, agus a’ chuibheall-uisge bho mu 1902. Ged a chaidh an oidhirp mhòr seo a dhèanamh gus an togalach seo ùrachadh mar àite luchd-turais, tha a chàradh air a dhol fodha gu mòr bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Muileann-uisge Ghleann Dail, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1980an

àth; muileann arbhair; cuibhle uisge; muileann-uisge

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha am muileann-uisge ann an Gleann Dail na eisimpleir ainneamh de mhuileann-arbhair an 18mh linn a tha air obrachadh le lùths an uisge. Tha e na shuidhe an ceann Loch Poll Til far an robh sruthan (eas a’mhuilinn) air a stiùireadh tro dhìg gus an cuireadh e mun cuairt cuibheall-uisge fodha aig an deireadh. Bha am muileann a’ frithealadh nam bailtean croitearachd san sgìre agus leis mar a tha e meadhanach beag, tha fhios nach robh cus talamh treabhaidh san sgìre.<br /> <br /> Ri taobh a’ mhuilinn tha àth ann, far am biodh an gràn air a thiormachadh mus deidheadh a bhleith sa mhuilinn fhèin. Bha tughadh air mullach a’ mhuilinn gu ruig mu 1914, nuair a chaidh sglèat a chur air na àite, ach chaidh eam muileann gu neo-fheum beagan an dèidh sin. San dealbh-chamara chithear an togalach ùr-chàraichte ann an 1982. ’S ann à Muileann Ròigeart ann an Cataibh a tha an dà chlach-mhuilinn, agus a’ chuibheall-uisge bho mu 1902. Ged a chaidh an oidhirp mhòr seo a dhèanamh gus an togalach seo ùrachadh mar àite luchd-turais, tha a chàradh air a dhol fodha gu mòr bho chionn beagan bhliadhnaichean.