- TIOTAL
- Taigh-tughaidh croite, Cealabost, an t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_08_018_1223
- ÀITE
- Cealabost
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Diùirinis
- DEIT
- 25 An Cèitean 1982
- LINN
- 1980an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 15804
- KEYWORDS
- croitearachd
poit-dhubh
tughadh
taighean dubha

’S e coimhearsnachd sgapte ann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich a th’ ann an Cealabost, a tha a’ coimhead dhan ear thar Loch Dùn Bheagan. Tha an taigh-tughaidh san dealbh na fhear de bhuidheann bheag de thogalaichean air an cur air dòigh le Peadar MacAsgaill ann an 1969. ‘Sa bhuidhinn tha taigh-croite agus dà bhothag-tughaidh, le samhla de phoit-dhubh neo-laghail ann an tè dhiubh. San taigh-croite tha teine am meadhan an làir far am biodh an ceò a’ faighinn às tron tughadh no tron t-similear gu h-àrd. Bha na taighean dubha seo, air an togail le dà rùm, a-riamh dorch agus ceòthach ach bhiodh iad cuideachd a’ dèanamh fasgaidh glè mhath an-aghaidh nan siantan.