Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dùn Bheagain bhon mhuir
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_019_1246
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
DEIT
26 Céitean 1982
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15809
KEYWORDS
caistealan
Dunvegan Castle from the sea

'S e caisteal Dùn Bheagain dachaigh ceann-feadhna Chlann 'Ic Leòid. 'S ann bho shìol Leòid a thàinig an cinneadh agus thog, no fhuair e, an caisteal mar thochradh pòsaidh anns an 13mh linn.

Tha an caisteal air a chuartachadh air trì taobhannan le creagan agus uisge Loch Dùn Bheagain agus air an taobh eile le dreàna dhomhainn, agus tha an caisteal furasta a dhìon. B' e an aon dòigh a-steach an geàta airson nam bàtaichean a bha a' coimhead dhan fhairge. Ann an 1748 chaidh drochaid a thogail a bha a 'dol tarsainn air an dreàna agus cha robh feum air a' gheàta tuilleadh.

Tha ionad-dìon ann an Dùn Bheagan a chaidh a thogail anns a' 14mh linn. B' e Calum an trìtheamh ceannard air Clann 'Ic Leòid a thog e. Tha e 15 meatairean de dh' àirde agus tha na ballachan 3 meatairean de leud. B' ann an seo a bha an toll-dubh agus rumannan glaiste, an talla mhòr, agus na seòmraichean cadail. Chaidh na binnein am muigh agus an tùr-amhairc a thogail an dèidh sin. Cha deach obair a dhèanamh ris an ionad gleidhidh seo ach gun deach mullach ùr a chur air ann an 1790. Aig a' cheann eile, air taobh an ear an togalaich, tha an Tùr Shìdhe a chaidh a thogail mu 1500 le Alasdair Crotach,an t-8mh ceann cinnidh.

Tha an Caisteal agus na seann rudan a tha na bhroinn, agus na gàrraidhean brèagha mu a thimcheall, a' tarraing mòran dhaoine thuige 's dhan an Eilean Sgitheanach. Bidh mìltean luchd-turais a' caogadh sìos a-steach don toll-dubh, a' coimhead air na peantaidhean de shinnsearan MhicLeòid leis an luchd-ealain Zoffany agus Raeburn, agus a' meas gu cliùiteach a' Bhratach-Shìdhe aosmhor iomraiteach, nach tèid a sgaoileadh ach a-mhàin nuair bhios Clann 'IcLeòid ann am fìor chàs.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dùn Bheagain bhon mhuir

INBHIR NIS: Diùirinis

1980an

caistealan

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept