Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuimhneachan-Cogaidh Ghleann Eilg
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_029_1593
ÀITE
Gleann Eilg
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
DEIT
28 An t-Iuchar 1982
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15879
KEYWORDS
cuimhneachain-cogaidh
snaighidhean
a' chiad chogadh
an cogadh mòr
an dàrna cogadh
Glenelg War Memorial

'S e coimhearsnachd sgapte mu chladach Bàgh Ghleann Eilg a th' ann an Gleann Eilg. Tha e a' coimhead a-null dhan Eilean Sgitheanach agus 's ann ann a tha aiseag Ghleann Eilg stèidhichte a bhios a' toirt luchd-siubhail agus beagan chàraichean a- null gu Caol Readha san Eilean Sgitheanach. Tha carragh-cuimhne cogaidh a ' bhaile, air a' chlàradh le inbhe A (an inbhe as àirde airson togalaichean clàraichte ann an Alba), a' coimhead thar a' Bhàgh agus Caolas Shlèite agus tha e a' cuimhneachadh air na bhàsaich anns an dà chogadh. Chaidh a choimiseanadh le neach-seilbh oighreach Ghleann Eilg, a' Bhan-uasal Scott, a bha airson cuimhneachadh air na fir às an sgìre a bhàsaich anns a' Chiad Chogadh. 'S e sealladh cumhachdach a th' ann.

'S e Sìth agus Buaidh a' tighinn a chuideachadh a' Chinne-daonna cuspair an ìomhaigh-shnaighte. Bha an cuimhneachan-cogaidh air a dhèanamh suas de bhonn chloiche le ìomhaigh-snaighte umha a tha a' sealltainn Aingeal an t-Sìth a tha a' cumail os àrd blàth-fheasg a' Bhuaidh agus saighdear Gàidhealach ann am fèileadh, a cheann crom, na sheasamh os cionn boireannach fo bhròn air muin sin. Am measg nan samhlaidhean eile, uile a' riochdachadh cùis-mhulad duan-eachdraidh, tha calman a chaidh a thachdadh, crùn briste agus craiceann druma sgàinte.

Cha an carragh-cuimhne a dhealbhachadh le Raibeart S. Lorimer (1864 - 1929) a chruthaich Cuimhneachadh-cogaidh Nàiseasnta na h-Alba cuideachd. Chaidh a shnaigheadh le Louis Reid Deuchars (1870 - 1927) agus chaidh a chumadh aig Fùirneis Ealain Albion, Lunnainn. Chaidh a choisrigeadh air 23 An Dàmhair 1920 agus chaidh fhosgladh leis a' BP ionadail Sir Iain Banner.

Tha na facail a leanas sgrìbhte air:

1914-1919
To the glory of God and in honoured memory
of the officers non-commissioned officers and men
who gave their lives for their Country
in the Great War
Their name liveth for evermore
Also of the following who fell in the
Second World War 1939-1945

Am measg nan ainmean a tha air a' charragh-cuimhne tha Màidsear Valentine Fleming, athair an ùghdar agus am fear a chruthaich James Bond, Iain Fleming. Chaidh crìoch a chuir air Taigh Arnasdail aig Fleming, mu dheich mìle à Gleann Eilg, goirid mus deach Màidsear Fleming a mharbhadh san Fhraing ann an 1917.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuimhneachan-Cogaidh Ghleann Eilg

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1980an

cuimhneachain-cogaidh; snaighidhean; a' chiad chogadh; an cogadh mòr; an dàrna cogadh

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept