Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donnain
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_030_1634
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
29 Iuchar 1982
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15890
KEYWORDS
caistealan
seallaidhean turasach
Eilean Donan Castle

Tha Caisteal Eilean Donnain na shuidhe aig comar Loch Long, Loch Dubhthaich agus Loch Aillse. Tha iad den bheachd gun deach an t-eilean ainmeachadh air an Easbaig Donnan, naomh Èireannach a ràinig Allba ann an 580 AD.

Chaidh a' chiad daingneach a thogail air an eilean san 13mh linn nuair a b' ann fo sheilbh Tighearnas nan Eilean a bha an sgìre. Chaidh an caisteal a thogail ann an ionad a bha cudthromach a thaobh àite ach an toireadh e dùbhlan air na Lochlannaich a bha fhathast ri ionnsaigh is creachadh mu thaobh a tuath na h-Alba.

Thar nam bliadhnachan, leudaich is lùghdaich an caisteal ann am meud. Tro bhliadhnaichean Ar-a-mach nan Seumasach airson Taigh Stiùbhairt san 18mh linn, bha feachdan nam Seumasach a' cleachdadh a' chaisteil mar ghearastan agus mar thorradh air sin chaidh an caisteal a sgrios.

Bha an caisteal na làrach fad cha mhòr 200 bliadhna gus an do cheannaich an Còirneal Iain MacRath-Gilstrap an t-eilean 's an caisteal ann an 1911. Chuir e seachad an ath fhichead bliadhna dhe bheatha a' cur a' chaisteil air dòigh, rud a chrìochnaich e ann an 1932.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donnain

ROS: Loch Aillse

1980an

caistealan; seallaidhean turasach

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept