Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid na Dòrnaidh & Cidhe
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_030_1640
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
DEIT
29 Iuchar 1982
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15892
KEYWORDS
cidheachan
cidhichean
drochaidean
drochaidean rathaid
Dornie Bridge & Jetty

San dealbh-chamara seo chithear baile beag na Dòrnaidh, air a thogail bhon chidhe ann an Àird Eilbh. Fad iomadh bliadhna bha aiseag cudthromach an seo a bha a' ceangal Loch Aills' is Cinn Tàile.

Thàinig an drochaid de chruadhtan iarrannach air an làimh chlì ann an 1940, a' gabhail àite an aiseig, an dèidh bliadhnaichean de chonnspaid sa choimhearsnachd an robh feum air drochaid stèidhichte. Dh'fheumadh beàrn mòr gu leòr a bhith san drochaid a leigeadh le Loch Long a bhith a' fuireach na astar-cuain do bhàtaichean, agus nuair a chaidh crìoch a chur oirre, bha an drochaid 230 meatair de dh'fhad. Bha i na seasamh air 15 bogha de chruadhtain neartaichte agus astar-mara farsaing de 40 troigh innte. B' e drochaid-cìse a bh' innte fad sia bliadhna bho là a fosglaidh.

Chaidh an drochaid a leagail agus structar mòran na bu mhotha leud dà charbad ga chur ann ann an 1991. Tha an drochaid ùr seo a' seachnadh baile beag na Dòrnaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid na Dòrnaidh & Cidhe

ROS: Cinn Tàile

1980an

cidheachan; cidhichean; drochaidean; drochaidean rathaid

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

San dealbh-chamara seo chithear baile beag na Dòrnaidh, air a thogail bhon chidhe ann an Àird Eilbh. Fad iomadh bliadhna bha aiseag cudthromach an seo a bha a' ceangal Loch Aills' is Cinn Tàile.<br /> <br /> Thàinig an drochaid de chruadhtan iarrannach air an làimh chlì ann an 1940, a' gabhail àite an aiseig, an dèidh bliadhnaichean de chonnspaid sa choimhearsnachd an robh feum air drochaid stèidhichte. Dh'fheumadh beàrn mòr gu leòr a bhith san drochaid a leigeadh le Loch Long a bhith a' fuireach na astar-cuain do bhàtaichean, agus nuair a chaidh crìoch a chur oirre, bha an drochaid 230 meatair de dh'fhad. Bha i na seasamh air 15 bogha de chruadhtain neartaichte agus astar-mara farsaing de 40 troigh innte. B' e drochaid-cìse a bh' innte fad sia bliadhna bho là a fosglaidh. <br /> <br /> Chaidh an drochaid a leagail agus structar mòran na bu mhotha leud dà charbad ga chur ann ann an 1991. Tha an drochaid ùr seo a' seachnadh baile beag na Dòrnaidh.