Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh tughaidh, 12 Àird Eilbh ìochdrach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_030_1642
ÀITE
Àird Eilbh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
29 Iuchar 1982
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15893
KEYWORDS
tughadh
taighean croite
seann taighean
Thatched house, 12 Lower Ardelve

Tha Dòmhnall MacCoinnich na sheasamh san doras aig an taigh aige, 12 Àird Eilbh ìochdrach, san Iuchar 1982. 'S ann o mu 1840 a tha an taigh tughaidh seo air liosta Ìre A agus le freama cruaichte. 'S e an eisimplir mu dheireadh de sheann taigh traidiseanta ann an sgìre Loch Aillse. Tha e na shuidhe ann an Àird Eilbh ìochdrach, faisg air tràigh Loch Aillse, a' coimhead a-mach gu Eilean Tioram agus Caisteal Eilean Donnain thall. Ged a bhiodh e air a thughadh uaireigin le fraoch is luachair, chaidh ath-thughadh a dhèanamh air ann an 1996 a' cleachdadh luachair a mhàin. Tha similear den t-seòrsa bogsa fiodha, nach fhaicear ach glè ainneamh, air a' ghèibil dhan ear, a tha a' gabhail ceò on teine san rùm-còmhnaidh. Tha an taigh air a thogail le clach is sprùilleach, le ceàrnaidhean cruinn is bun-chlachan a tha nan ulpagan mòra, 's tha e air a chòmhdach le gealachadh aoil. Tha poirdse de dh'iarann phreasach air a tha a' dìon dorais-meadhan beulaibh an taighe.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh tughaidh, 12 Àird Eilbh ìochdrach

ROS: Loch Aillse

1980an

tughadh; taighean croite; seann taighean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept