Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta a' Phluic
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_044_2063
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
30 Samhain 1982
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15946
KEYWORDS
bailtean beaga
taighean-òsta
turasachd
craobhan pailm
Plockton Hotel

Cha mhòr nach e togalaichean bhon 19mh linn a tha a' lìonadh Sràid a' Chala sa Phloc agus tha sin, agus na craobhan pailm, a' fàgail dreach annasach air a' bhaile. Tha Taigh-òsta a' Phluic, air a pheantadh gu follaiseach ann an dubh is geal, na shuidhe air aon cheann na sràide.

B' e baile beag air a phlanadh a bha sa Phloc an toiseach, air a chàradh airson Iarla Shìphoirt ann an 1794. Chaidh am baile a leasachadh ann an 1801 le Uilleam Cumming airson an ath uachdaran, Sir Ùisdean Aonghais, ach an coisneadh iad a-mach às an fhasgadh a bha sna h-uisgeachan far Loch Carrann agus à gnìomhachas an sgadain a bha gu math soirbheachail. Bha dachaighean sa bhaile cuideachd do luchd-mhàil air an ruagadh à fearann eile air Oighreachd Loch Aillse.

Chaidh an Oighreachd a cheannach sna 1850an le Sir Alasdair MacMhathain, a rinn togail Chaisteal Dhùin Creige shuas a' coimhead thar a' bhàigh.

Tha an suidheachadh tarraingeach aig a' Phloc, le fasgadh on ghaoith chunbhalaich, agus mar a tha ruith na mara, an 'North Atlantic Drift' ga fhàgail le gnàth-shìde glè shocair, air am baile a thionndadh o bhaile iasgaich trang gu àite socair an luchd-turais, air a bhrosnachadh le grunn phrògraman telebhisean air an suidheachadh san sgìre. Tha mòran de na taighean san dealbh seo de Shràid a' Chala an-diugh nan taighean samhraidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta a' Phluic

ROS: Loch Aillse

1980an

bailtean beaga; taighean-òsta; turasachd; craobhan pailm

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept