Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùin Creige, Am Ploc
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_045_2089
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15947
KEYWORDS
caistealan
colaistean
ospadalan
taighean-òsta
Duncraig Castle, Plockton

Chaidh Caisteal Dhùin Creige a thogail ann an 1866 do Shir Alasdair MacMhathain (1805 - 1886) an dèidh dhan taigh aige ann an Inbhir Ìonaid a bhith air a sgrios le teine. Tha an t-ionad anns a bheil Caisteal Dhùin Creige, a' coimhead thar Loch Carrann agus baile beag a' Phluic, a' cur ri a mhòralachd.

B' ann le Sir Alasdair a bha mòran de Loch Aillse aig an àm sin, leis mar a rinn e fortan san Ear Fhada le Jardine, Matheson & Co.
Reic a mhac, Sir Coinneach MacMhathain, pàirt de dh'Oighreachd Loch Carrann gu Sir Daniel Hamilton, neach-seilbh a bha air leth fialaidh agus a dh'fhàg an caisteal aig Comhairle sgìreil na Siorrachd nuair a bhàsaich e fhèin ann an 1939.

Chaidh an caisteal a chleachdadh mar Ospadal na Nèibhidh rèn Dàrna Cogaidh agus mar Cholaiste de Shaidheans Dachaigheil do chaileagan o 1945 gu 1989. Chaidh an leudachadh a tha ri taobh deas an deilbh a chur ris ann an 1969.

Às dèidh siud bha sgeulachd riaslach aig a' chaisteal agus dh'fhuiling e bliadhnaichean de dhearmad fhad 's a bha còmhraidhean fada a' dol mu dheidhinn de thachradh ris. Chaidh a reic ann an 2003 gu teaghlach mòr dhen ainm Dobson às na Midlands a rinn beagan ath-thogail air agus a chaidh a dhèanamh nan cuspair aig prògram telebhisean. Bha am prògram a' leantainn nan teaghlaichean diofraichte Dobson fhad 's a bha iad a' feuchainn ri fuireach sa chaisteal agus a bhith a' beò còmhla. An-diugh ann an 2011's e taigh-aoigheachd agus àite far an cùm iad bainnsean a tha sa chaisteal.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùin Creige, Am Ploc

ROS: Loch Aillse

1980an

caistealan; colaistean; ospadalan; taighean-òsta

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept