Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am broinn a' Mhargaidh Bhictòrianach, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_054_2344
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
13 Giblean 1983
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15992
KEYWORDS
margaidhean
ceannach
Inside Victorian Market, Inverness

'S ann eadar Sràid an Aonaidh agus Geata na Banrìgh a bha a' mhargaidh thùsail ann an Inbhir Nis, ach chaidh a losgadh gu làr ann an 1889 agus a thogail a-rithist dà bhliadhna an dèidh sin aig cosgais £7158. Bha dorsan aig a' mhargadh ùr air Sràid na h-Acadamaidh, Sràid na h-Eaglaise, Sràid an Aonaidh agus Geata na Banrigh agus bha talla mhòr sa mheadhan, agus margadh èisg ann. Cha robh stàilichean seasmhach ann an uair sin. Bha gach neach-reic a' faighinn bhùird air mhàl bho chomhairle a' bhaile aig 6 sgillinn gach latha. Bha boireannaich à Inbhir Narann a' rèic iasg ann, agus mnathan nan tuathanach a' rèic iasg, uighean, cearcan, uirceanan, agus ìm is gruth. Bhathar a' sealltainn fhlùraichean ann an talla na margaidh agus bhiodh consairtean agus coinneamhan ann. Dh'fhaodadh na bùird a bhith air an cur chun an taoibh gus àite a dhèanamh do luchd-amhairc. Tha taghadh de dhiofar bhùthan anns a' mhargaid an-diugh fo na h-aon chabair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am broinn a' Mhargaidh Bhictòrianach, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1980an

margaidhean; ceannach

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept