Ùrachadh mu Dheireadh 21/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Bhail' Mac Ara
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_09_032_0996
ÀITE
Baile Mac Ara
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
3 Samhain 1983
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
16154
KEYWORDS
taighean oighreachd
oighreachdan, treanadh armailteach
tràighean
taighean mòra
aitreabhan
Balmacara House

Ann an 1801 cheannaich Sir Ùisdean Innes Oighreachd Loch Aillse, mar a th' air an-diugh, agus thog e Taigh Bhail' Mac Ara.

Na laighe air tràighean Loch Aillse, 's e a tha ri fhaicinn ann an dealbh peant-uisge brèagha de 1819 aig Uilleam Daniell. Cheannaich Sir Uilleam MacMhathain an oighreachd am meadhan na 19mh linn, agus dh'fhuirich e ann an Taigh Bhail' Mac Ara fhad 's a bha Caisteal Dhùin Creige, a phrìomh dhachaigh, ga thogail sa Phloc.

Ann an 1918 cheannaich Sir Daniel agus an Leadaidh Mairead Hamilton Taigh Bhail' Mac Ara agus thàinig iad a dh'fhuireach ann fad na h-ùine ann an 1925. Chaidh an taigh a leudachadh thar nam bliadhnachan agus chaidh na far-thogalaichean a chleachdadh air diofar rud, nam measg taigh-nighe, stàballan agus saibhlean agus taighean do luchd na tuathanais agus luchd-gàirnealarachd.

Chaidh Oighreachd Loch Aillse, fad 8,770 acair, fhàgail na dìleab aig Urras Nàiseanta na h-Alba, air a thoirt seachad gu foirmeil ann an 1947. Tha Taigh Bhail' Mac Ara air a bhith air mhàl aig Ministrealachd an Dìon agus air a chleachdadh le daibhearan na Nèibhidh aig àm eacarsaidhean treanaidh.

Fhuair an taigh ath-leasachadh air an robh cruaidh fheum bho chionn ghoirid (2011) leis an MoD, agus bidh iad fhathast ga chleachdadh mar bhun-àite treanaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Bhail' Mac Ara

ROS: Loch Aillse

1980an

taighean oighreachd; oighreachdan, treanadh armailteach; tràighean; taighean mòra; aitreabhan

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept