Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cruthachadh-talmhainn Cheàrnag Shomhairle, Port Rìgh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_10_021_2069
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
16 Cèitean 1984
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
16332
KEYWORDS
bailtean
meadhan bhailtean
ceàrnagan bhailtean
ceàrnag baile
Landscaping of Somerled Square, Portree

'S ann air Somhairle, no Somerled, gaisgeach na 12mh linn a bha na cheann-cinnidh air Clann Dòmhnaill, a tha a' cheàrnag a tha am meadhan baile Phort Rìgh air ainmeachadh.

Chaidh cruth is càradh na ceàrnaig atharrachadh grunn turais thar nam bliadhnachan, le dealbhan-camara tràtha a' sealltainn nach robh mòran ann ach pàirceadh chàraichean an uair sin. Mus deach an dealbh seo a thogail ann an 1984, chaidh aithneachadh gun còrdadh e ri mòran den luchd-turais nam biodh àite tarraingeach ann far an cuireadh iad seachad ùine. 'S ann air an adhbhar seo a chaidh a' cheàrnag a chàradh às ùr. Cha deach carbadan a chumail às gu buileach ge-ta, agus chaidh lànaigean bhusaichean a chur a-steach mar phàirt den sgeama.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cruthachadh-talmhainn Cheàrnag Shomhairle, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1980an

bailtean; meadhan bhailtean; ceàrnagan bhailtean; ceàrnag baile

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

'S ann air Somhairle, no Somerled, gaisgeach na 12mh linn a bha na cheann-cinnidh air Clann Dòmhnaill, a tha a' cheàrnag a tha am meadhan baile Phort Rìgh air ainmeachadh.<br /> <br /> Chaidh cruth is càradh na ceàrnaig atharrachadh grunn turais thar nam bliadhnachan, le dealbhan-camara tràtha a' sealltainn nach robh mòran ann ach pàirceadh chàraichean an uair sin. Mus deach an dealbh seo a thogail ann an 1984, chaidh aithneachadh gun còrdadh e ri mòran den luchd-turais nam biodh àite tarraingeach ann far an cuireadh iad seachad ùine. 'S ann air an adhbhar seo a chaidh a' cheàrnag a chàradh às ùr. Cha deach carbadan a chumail às gu buileach ge-ta, agus chaidh lànaigean bhusaichean a chur a-steach mar phàirt den sgeama.