Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cruthachadh-talmhainn Cheàrnag Shomhairle, Port Rìgh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_10_021_2072
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
16 Cèitean 1984
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
16333
KEYWORDS
carragh-cuimhne cogaidh
carraighean cuimhne a' chogaidh
Landscaping of Somerled Square, Portree

'S ann air Somhairle, no Somerled, gaisgeach na 12mh linn a bha na cheann-cinnidh air Clann Dòmhnaill, a tha a' cheàrnag a tha am meadhan baile Phort Rìgh air ainmeachadh.

Chaidh cruth is càradh na ceàrnaig atharrachadh grunn turais thar nam bliadhnachan, le dealbhan-camara tràtha a' sealltainn nach robh mòran ann ach pàirceadh chàraichean an uair sin. Mus deach an dealbh seo a thogail ann an 1984, chaidh aithneachadh gun còrdadh e ri mòran den luchd-turais nam biodh àite tarraingeach ann far an cuireadh iad seachad ùine. 'S ann air an adhbhar seo a chaidh a' cheàrnag a chàradh às ùr. Cha deach carbadan a chumail às gu buileach ge-ta, agus chaidh lànaigean bhusaichean a chur a-steach mar phàirt den sgeama.

'S e samhla, ach nas lugha, de Chrois Margaid Dhùin Èidinn a th' ann an Carragh-cuimhne a' Chogaidh, le leòmhann na shuidhe gu h-àrd air. Tha air a bhith na fheart aig meadhan na cearnaig bho chaidh a nochdadh sa Ghearran 1922 leis a' Chòirneal K. I. MacDhòmhnaill às an Tobht'. Chaidh an carragh a thogail le Tòmas MacPhàrlain, neach-togail sgìreil, fear a chaill an t-aona mhac aige sa Chiad Chogadh. Tha cuimhne air air an fheadhainn à Port Rìgh, agus às na sgìrean mun cuairt, na Bràighean, Sgobhsair agus Snìosort a Deas, a thuit san Dà Chogadh Mòr.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cruthachadh-talmhainn Cheàrnag Shomhairle, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1980an

carragh-cuimhne cogaidh; carraighean cuimhne a' chogaidh

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

'S ann air Somhairle, no Somerled, gaisgeach na 12mh linn a bha na cheann-cinnidh air Clann Dòmhnaill, a tha a' cheàrnag a tha am meadhan baile Phort Rìgh air ainmeachadh.<br /> <br /> Chaidh cruth is càradh na ceàrnaig atharrachadh grunn turais thar nam bliadhnachan, le dealbhan-camara tràtha a' sealltainn nach robh mòran ann ach pàirceadh chàraichean an uair sin. Mus deach an dealbh seo a thogail ann an 1984, chaidh aithneachadh gun còrdadh e ri mòran den luchd-turais nam biodh àite tarraingeach ann far an cuireadh iad seachad ùine. 'S ann air an adhbhar seo a chaidh a' cheàrnag a chàradh às ùr. Cha deach carbadan a chumail às gu buileach ge-ta, agus chaidh lànaigean bhusaichean a chur a-steach mar phàirt den sgeama.<br /> <br /> 'S e samhla, ach nas lugha, de Chrois Margaid Dhùin Èidinn a th' ann an Carragh-cuimhne a' Chogaidh, le leòmhann na shuidhe gu h-àrd air. Tha air a bhith na fheart aig meadhan na cearnaig bho chaidh a nochdadh sa Ghearran 1922 leis a' Chòirneal K. I. MacDhòmhnaill às an Tobht'. Chaidh an carragh a thogail le Tòmas MacPhàrlain, neach-togail sgìreil, fear a chaill an t-aona mhac aige sa Chiad Chogadh. Tha cuimhne air air an fheadhainn à Port Rìgh, agus às na sgìrean mun cuairt, na Bràighean, Sgobhsair agus Snìosort a Deas, a thuit san Dà Chogadh Mòr.