Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Teisteanas o Dhotair G Rees mu shlàinte inntinn Uilleim Bàillidh
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_8_16_1
ÀITE
Dùn Eathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1815
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
165
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
slàinte-inntinn
Uilleam Bàillidh
co-sgrìobhadh
litrichean
Certificate issued by Dr G Rees relating to William Baillie's mental health

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 29mh den t-Sultain 1815. 'S e teisteanas o Dhotair Rees à Ceàrnag Fhinsbury, Lunnainn, a th' ann. Tha e ag ràdh gur e 'lunatic, incapable of managing his own affairs' a th' ann an Uilleam Bàillidh, agus 'he has been for some months a resident at my house for the Reception of insane persons at Hare Street, Hackney'.

B'e Uilleam an 14mh Uachdaran de Dhùn Eathain, is an duine mu dheireadh anns an loidhne-teaghlaich. Bha e na oifigear anns an arm is bha e air a bhith greis anns a' Bhàgh Phersianach, is mu dheireadh tha na dotairean a' tighinn dhan cho-dhunadh gur e cus ùine anns a' ghrèin is coireach gu robh trioblaidean inntinn aige

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Teisteanas o Dhotair G Rees mu shlàinte inntinn Uilleim Bàillidh

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; slàinte-inntinn; Uilleam Bàillidh; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers