Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Earrainnean o fhianais an Dr Dòmhnall Dòmhnallach, Lagan, 20 Lùnastal 1912
EXTERNAL ID
HLH_DEWAR100_020
DEIT
20 An Lùnastal 1912
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Archive Centre
AITHNEACHADH MAOINE
1650
KEYWORDS
Comataidh Sheirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean
Aithisg Dheòirich
Comataidh Dheòirich
Extracts from the evidence of Dr Donald MacDonald, Laggan, 20 August 1912

Bha an Aithisg ag innse sgeulachd mu dhotair a chaidh èigheachd a-mach air droch oidhche gheamhraidh. Fhad 's a bha e a' siubhal às an Òban gu ruig taigh cìobair a bha mu 12 mìle air falbh, chaidh a ghlacadh ann an stoirm shneachda, chaidh e air chall agus dh'fheumadh cìobair eile a stiùireadh don taigh aigesan. Turas eile, fhuair an Dr MacDhòmhnaill à Bàideanach bonn gaisgich leis mar a chaidh e tarsainn beinne ach an ruigeadh e duine tinn, agus a bheatha fhèin ann am fìor chunnart.

"An 9mh den Fhaoilleach 1910, bha aiteamh mòr agus dearg gèile ann ann an sgìre Bhàideanaich de Shiorrachd Inbhir Nis. Fhuair an Dr MacDhòmhnaill telegram ag innse dha gu robh fear de na h-euslaintich aige, a bha a' fuireach 22 mìle air falbh, glè thinn.

A' togail air aig seachd uairean sa mhadainn, shiubhail an dotair taobh Dhail Chuinnidh agus tràigh Loch Eireachd gu ruig Loidse Beinn Aladair, far an do lorg e nach b' urrainn dha an rathad àbhaisteach a ghabhail le cho àrd 's a bha gach sruthan a bha roimhe. Mar sin shiubhail e tro choille agus thar ghualainn Beinn Aladair, a' dèanamh astair de dhà mhìle deug air chois, agus feum aige air luidreadh tro iomadh allt beinne a bha na thuiltean. Bha meallan mòra de shneachd is deigh a' fleòdradh sìos leis na sruthan, agus cha robh cinnt sam bith aige ann an làrach nan casan am measg nan clachan mòra, 's mar sin b' e obair chunnartach a bh' ann.

Cha do ràinig e taigh an euslaintich gu ruig sia uairean feasgar agus lorg e an duine glè thinn leis a' ghreim-sgamhain air. Ged nach robh an Dr MacDhòmhnaill fhèin idir fallain an dèidh latha fada a-muigh agus ri spàirn, tha e air innse gun robh e ag obair air an euslainteach fad an fheasgair, fad na h-oidhche agus fiù 's an ath latha gus am faca e gu robh piseach a' tighinn air. Bha buaidh an turais sin air an Dr MacDhòmhnaill fad ghreis, ach bha e comasach air cumail a' dol na dhreuchd.

Thug Urrasairean Maoin Ghaisgich Carnegie Bonn Umha don Dr MacDhòmhnaill air sgàth 's cho smiorail 's a bha e ann am fìor dhroch chàradh ach an sàbhaileadh e beatha euslaintich."

Tha an t-ìomhaigh seo mar phàirt de thaisbeanadh air loidhne a' comharradh ceud bliadhna Chomataidh Seirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus glè thrice thathas a' toirt iomradh air mar Chomataidh Dheòirich an dèidh a chathraiche Sir Iain Deòir BP. Chuir aithisg a' Chomataidh air dòigh an t-slighe airson a' chiad seirbheis slàinte air an t-saoghal, Seirbheis Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a rinn cruth-atharrachadh air solar meidigeach agus a tha air a mheasadh mar ro-theachdaire Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.

Cliog > an seo airson a dhol gu toiseach an taisbeanaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Earrainnean o fhianais an Dr Dòmhnall Dòmhnallach, Lagan, 20 Lùnastal 1912

1910an

Comataidh Sheirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean; Aithisg Dheòirich; Comataidh Dheòirich

Highland Archive Centre

Highlands and Islands Medical Services Committee & Report

Bha an Aithisg ag innse sgeulachd mu dhotair a chaidh èigheachd a-mach air droch oidhche gheamhraidh. Fhad 's a bha e a' siubhal às an Òban gu ruig taigh cìobair a bha mu 12 mìle air falbh, chaidh a ghlacadh ann an stoirm shneachda, chaidh e air chall agus dh'fheumadh cìobair eile a stiùireadh don taigh aigesan. Turas eile, fhuair an Dr MacDhòmhnaill à Bàideanach bonn gaisgich leis mar a chaidh e tarsainn beinne ach an ruigeadh e duine tinn, agus a bheatha fhèin ann am fìor chunnart.

"An 9mh den Fhaoilleach 1910, bha aiteamh mòr agus dearg gèile ann ann an sgìre Bhàideanaich de Shiorrachd Inbhir Nis. Fhuair an Dr MacDhòmhnaill telegram ag innse dha gu robh fear de na h-euslaintich aige, a bha a' fuireach 22 mìle air falbh, glè thinn.

A' togail air aig seachd uairean sa mhadainn, shiubhail an dotair taobh Dhail Chuinnidh agus tràigh Loch Eireachd gu ruig Loidse Beinn Aladair, far an do lorg e nach b' urrainn dha an rathad àbhaisteach a ghabhail le cho àrd 's a bha gach sruthan a bha roimhe. Mar sin shiubhail e tro choille agus thar ghualainn Beinn Aladair, a' dèanamh astair de dhà mhìle deug air chois, agus feum aige air luidreadh tro iomadh allt beinne a bha na thuiltean. Bha meallan mòra de shneachd is deigh a' fleòdradh sìos leis na sruthan, agus cha robh cinnt sam bith aige ann an làrach nan casan am measg nan clachan mòra, 's mar sin b' e obair chunnartach a bh' ann.

Cha do ràinig e taigh an euslaintich gu ruig sia uairean feasgar agus lorg e an duine glè thinn leis a' ghreim-sgamhain air. Ged nach robh an Dr MacDhòmhnaill fhèin idir fallain an dèidh latha fada a-muigh agus ri spàirn, tha e air innse gun robh e ag obair air an euslainteach fad an fheasgair, fad na h-oidhche agus fiù 's an ath latha gus am faca e gu robh piseach a' tighinn air. Bha buaidh an turais sin air an Dr MacDhòmhnaill fad ghreis, ach bha e comasach air cumail a' dol na dhreuchd.

Thug Urrasairean Maoin Ghaisgich Carnegie Bonn Umha don Dr MacDhòmhnaill air sgàth 's cho smiorail 's a bha e ann am fìor dhroch chàradh ach an sàbhaileadh e beatha euslaintich."

Tha an t-ìomhaigh seo mar phàirt de thaisbeanadh air loidhne a' comharradh ceud bliadhna Chomataidh Seirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus glè thrice thathas a' toirt iomradh air mar Chomataidh Dheòirich an dèidh a chathraiche Sir Iain Deòir BP. Chuir aithisg a' Chomataidh air dòigh an t-slighe airson a' chiad seirbheis slàinte air an t-saoghal, Seirbheis Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a rinn cruth-atharrachadh air solar meidigeach agus a tha air a mheasadh mar ro-theachdaire Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.

Cliog  an seo  airson a dhol gu toiseach an taisbeanaidh.