- TIOTAL
- Geàrr-chunntas Comhairle Paraiste an Lagain, 1892
- EXTERNAL ID
- HLH_DEWAR100_021
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Lagan
- DEIT
- 1892
- LINN
- 1890an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Highland Archive Centre
- AITHNEACHADH MAOINE
- 1652
- KEYWORDS
- Comataidh Sheirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean
Aithisg Dheòirich
Comataidh Dheòirich
Bho nach robh mòran chothroman ann air obair phrìobhaideach, b' ann bho obair mar Oifigear Meidigeach na Paraiste a thàinig a' mhòr-chuid de thuarastal aig Dotair sgìreil agus mur a biodh teachd-a-steach pearsanta aige fhèin, bha e doirbh a bhith a' tighinn beò air a' phàigheadh sin a-mhàin.
Chaidh an Dr Caimbeul a chur na dhreuchd mar Oifigear Meidigeach Paraiste an Lagain aig tuarastal de £110 gach bliadhna. Dìreach còig miosan an dèidh dha tòiseachadh, thàinig air a bhith ag iarraidh àrdachadh pàighidh.
Tha an t-ìomhaigh seo mar phàirt de thaisbeanadh air loidhne a' comharradh ceud bliadhna Chomataidh Seirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus glè thrice thathas a' toirt iomradh air mar Chomataidh Dheòirich an dèidh a chathraiche Sir Iain Deòir BP. Chuir aithisg a' Chomataidh air dòigh an t-slighe airson a' chiad seirbheis slàinte air an t-saoghal, Seirbheis Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a rinn cruth-atharrachadh air solar meidigeach agus a tha air a mheasadh mar ro-theachdaire Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.
Cliog
> an seo airson a dhol gu toiseach an taisbeanaidh.