Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o Ghilleasbaig Bàillidh, Caisteal Leòid, Srath Pheofharain gu Iseabal Bhàillidh
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_26_9_1
ÀITE
Inbhir Nis
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1816
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
166
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Caisteal Leòid
Srath Pheofharain
Inbhir Pheofharain
Gilleasbaig Bàillidh
còmhdhail
co-sgrìobhadh
litrichean
Letter from Archibald Baillie, Castle Leod, Strathpeffer to Isabella Baillie

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 8mh den Òg-mhìos 1816. 'S e litir o Ghilleasbaig Bàillidh gu a mhàthair a th' ann. Bha Gilleasbaig a' tadhal air Caisteal Leòid, faisg air Srath Pheofharain agus tha a litir ag innse mu'n turas tachartach a bh' aige. A-rèir coltas, rinn e air Inbhir Pheofharan ann am bàta eadar 3 is 4 sa mhadainn, le gaoth fàbharach. Gu mì-fhortanach, dh' fhàs an aimsir na bu mhiosa agus bha aig Gilleasbaig ri acair a leigeil sìos faisg air Crombagh. An dèidh greis an siud, fhuair e dòigh-siubhail a thug gu Caisteal Leòid e ro 8 uairean feasgar.

An-diugh, chan eil e a' toirt ach mu 30 mionaidean a' dràibheadh eadar Inbhir Nis is Caisteal Leòid - mòran nas luaithe na cuairt-dànachd Ghilleasbaig, a thug 16 uairean a thìde!

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Ghilleasbaig Bàillidh, Caisteal Leòid, Srath Pheofharain gu Iseabal Bhàillidh

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Caisteal Leòid; Srath Pheofharain; Inbhir Pheofharain; Gilleasbaig Bàillidh; còmhdhail; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers