Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Somhairle MacDhòmhnaill mu Pheinnsean Airm, 1817
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_II_05
DEIT
1817
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
168
KEYWORDS
litrichean
arm
peinnseanan
cunntasan
airm
armailteach
Letter to Soirle Macdonald Concerning Military Pension, 1817

Tha an litir seo, leis an deit 18 Giblean 1817, bho Sheumas Friseal, àidseant airm aig Cleveland Row, Lunnainn, gu Somhairle MacDhòmhnaill. Tha Friseal a' leigeil fios dha gu bheil 'the Poundage formerly detained from officers' half-pay (has) ceased to be deducted by Government'. Tha seo air a shealltainn air cunntas MhicDhòmhnaill le Friseal (Gearran 1810 - Ògmhios 1817) air cùl na sgrìobhainne.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Somhairle MacDhòmhnaill mu Pheinnsean Airm, 1817

1810an

litrichean; arm; peinnseanan; cunntasan; airm; armailteach

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Tha an litir seo, leis an deit 18 Giblean 1817, bho Sheumas Friseal, àidseant airm aig Cleveland Row, Lunnainn, gu Somhairle MacDhòmhnaill. Tha Friseal a' leigeil fios dha gu bheil 'the Poundage formerly detained from officers' half-pay (has) ceased to be deducted by Government'. Tha seo air a shealltainn air cunntas MhicDhòmhnaill le Friseal (Gearran 1810 - Ògmhios 1817) air cùl na sgrìobhainne.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001