Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geàrr-chunntas Comhairle Paraiste na Comraich, 1920
EXTERNAL ID
HLH_DEWAR100_028
ÀITE
A' Chomraich
SGÌRE
LochCarrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
DEIT
1920
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Archive Centre
AITHNEACHADH MAOINE
1681
KEYWORDS
Comataidh Sheirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean
Aithisg Dheòirich
Comataidh Dheòirich
Applecross Parish Council Minute, 1920

Bhiodh tuarastal air barantas aig na dotairean nach biodh na bu lugha na £300 sa bhliadhna. Bhiodh seo air a phàigheadh mar thaic-airgid a thaobh gach duine a fhuair làimhseachadh slàinte fon sgeama, agus bha cosgaisean siubhail ann don dotair.

Mar bu trice bhiodh na dotairean a' cur a-steach airson cuibhreann frithealaidh dhaibh fhèin do Sheirbheis Mheidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, ach ann an àitean sònraichte bhiodh tabhartasan air am pàigheadh do Chomhairle na Paraiste agus bhiodh iadsan a' dearbhadh an robh an tuarastal a bu lugha, air a sheatadh an toiseach aig £300 gach bliadhna, air a phàigheadh no an d' fhuair an dotair barrachd air sin.

Air an làimh eile dh'fheumadh dotairean a bhith a' cuideachadh dhuine sam bith a bha feumach air cùram slàinte, a' frithealadh chùisean nam bean-glùine, a' cuideachadh le Slàinte Phoblach agus Seirbheisean Meidigeach nan Sgoiltean, a' cumail suas an dòigh-siubhail aca fhèin agus a' cumail chlàran de na h-euslaintich, an làimhseachadh a fhuair iad agus na phàigh iad.

Chaidh adhartas an sgeama a chumail air ais le buaidh a' Chiad Chogaidh ach chunnaic 1923 buidheann ùr de dhotairean òga ann a chaidh a thàladh don Ghàidhealtachd, daoine aig an robh trèanadh ùr-nòsach an latha.

Tha an t-ìomhaigh seo mar phàirt de thaisbeanadh air loidhne a' comharradh ceud bliadhna Chomataidh Seirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus glè thrice thathas a' toirt iomradh air mar Chomataidh Dheòirich an dèidh a chathraiche Sir Iain Deòir BP. Chuir aithisg a' Chomataidh air dòigh an t-slighe airson a' chiad seirbheis slàinte air an t-saoghal, Seirbheis Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a rinn cruth-atharrachadh air solar meidigeach agus a tha air a mheasadh mar ro-theachdaire Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.

Cliog > an seo airson a dhol gu toiseach an taisbeanaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geàrr-chunntas Comhairle Paraiste na Comraich, 1920

ROS: A' Chomraich

1920an

Comataidh Sheirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean; Aithisg Dheòirich; Comataidh Dheòirich

Highland Archive Centre

Highlands and Islands Medical Services Committee & Report

Bhiodh tuarastal air barantas aig na dotairean nach biodh na bu lugha na £300 sa bhliadhna. Bhiodh seo air a phàigheadh mar thaic-airgid a thaobh gach duine a fhuair làimhseachadh slàinte fon sgeama, agus bha cosgaisean siubhail ann don dotair.

Mar bu trice bhiodh na dotairean a' cur a-steach airson cuibhreann frithealaidh dhaibh fhèin do Sheirbheis Mheidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, ach ann an àitean sònraichte bhiodh tabhartasan air am pàigheadh do Chomhairle na Paraiste agus bhiodh iadsan a' dearbhadh an robh an tuarastal a bu lugha, air a sheatadh an toiseach aig £300 gach bliadhna, air a phàigheadh no an d' fhuair an dotair barrachd air sin.

Air an làimh eile dh'fheumadh dotairean a bhith a' cuideachadh dhuine sam bith a bha feumach air cùram slàinte, a' frithealadh chùisean nam bean-glùine, a' cuideachadh le Slàinte Phoblach agus Seirbheisean Meidigeach nan Sgoiltean, a' cumail suas an dòigh-siubhail aca fhèin agus a' cumail chlàran de na h-euslaintich, an làimhseachadh a fhuair iad agus na phàigh iad.

Chaidh adhartas an sgeama a chumail air ais le buaidh a' Chiad Chogaidh ach chunnaic 1923 buidheann ùr de dhotairean òga ann a chaidh a thàladh don Ghàidhealtachd, daoine aig an robh trèanadh ùr-nòsach an latha.

Tha an t-ìomhaigh seo mar phàirt de thaisbeanadh air loidhne a' comharradh ceud bliadhna Chomataidh Seirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus glè thrice thathas a' toirt iomradh air mar Chomataidh Dheòirich an dèidh a chathraiche Sir Iain Deòir BP. Chuir aithisg a' Chomataidh air dòigh an t-slighe airson a' chiad seirbheis slàinte air an t-saoghal, Seirbheis Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a rinn cruth-atharrachadh air solar meidigeach agus a tha air a mheasadh mar ro-theachdaire Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.

Cliog  an seo  airson a dhol gu toiseach an taisbeanaidh.