Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Letter from William Ivory, Sheriff of Inverness, 9 June 1885

Chaidh an litir seo a sgrìobhadh air 9 an t-Ògmhios 1885 le Uilleam Ivoy, Siorram Inbhir Nis gu Àrd-Chonstabal Siorrachd Inbhir Nis agus tha i a' buntainn ri Cogadh nan Croitearan, 1882-88, sia bliadhnachan anns an robh croitearan air Ghàidhealtachd ag iomairt airson leasachadh air siostam an fhearainn.

Thòisich Cogadh nan Croitearan sa Ghiblean 1882 le Blàr a' Chumhaing, blàr a thachair ri linn connspaid fhada eadar croitearan a' Bhràighe agus an uachdaran, am Morair Dòmhnallach, timcheall air ionaltradh. Thàinig cùisean gu ceann air 9 an Giblean, nuair a thàinig maor-siorraidh agus leth-cheud poileas dhan Bhràigh, agus chuir iad còignear croitearan, a bha air diùltadh òrduighean fuadachaidh a ghabhail bhuapa ron seo, an grèim. Fhad 's a bha iad a' fàgail a' Bhràighe chaidh ionnsaigh a thoirt air a' bhuidhinn le còmhlan mòr de dh'fhir, de bhoireannaich 's de chlann a' giùlain bhataichean agus a' tilgeil chlachan. Chaidh cuid den t-sluagh a ghoirteachadh mus deach aig a' mhaor-siorraidh agus na Poilis air tarraing air ais le na fir a bha an grèim.

Cha tug seo air croitearan a' Bhràighe an iomairt a leigeil seachad agus sa Chèitean 1882 dh'iomain iad an cuid stuic dhan ionaltradh chonnspaideach gun chead. A-rithist san t-Sultain agus san Dàmhair, sheas muinntir a' Bhràighe an aghaidh dà oidhirp fa leth ri brath a lìbhrigeadh do no croitearan, a' toirt òrdugh dhaibh an cuid stuic a thoirt bhon ionaltradh. Gu dearbh, cha robh strì nan croitearan san Eilean Sgitheanach sa Bhràigh a-mhàin. Ann an Gleann Dail, air taobh an iar-thuath an eilein, bha croitearan air an caoraich iomain gu ionaltradh mun robh connspaid ann an Bhatarsteinn, a-rithist gun chead an uachdarain.

B' ann le shùil air na tachartasan seo a sgrìobh Camshron Loch Iall, àrd-uachdaran agus BP, an litir air 3 an t-Samhain 1882. O thòisich an t-strì sa Bhràigh, bha grunn dhaoine cudromach air Ghàidhealtachd den bheachd gum feumadh an riaghaltas saighdearan a chur dhan Eilean gus rian fhaighinn air a' chùis. Air 21 an t-Sultain 1882 sgrìobh Uilleam Ivory, Siorram Inbhir Nis, dhan riaghaltas ag iarraidh gun deigheadh 100 saighdear a chur dhan Ghàidhealtachd gus dìon agus taic a thoirt don ùghdarras shìobhalta. .

Bha Camshron Loch Iall bàigheil do dh'iarrtas an t-Siorraim Ivory, agus, mar BhP, bha e an sàs ann an còmhraidhean le àrd-bhuill den riaghaltas mun chùis. Na litir tha Loch Iall ag innse gu bheil e air bruidhinn ri Sir W. Harcourt, Rùnaire na Dùthcha, agus am Morair Tagraidh, agus tha e ag ràdh ged a tha iad deònach an lagh a chur an gnìomh le feachd armailteach, gu bheil Harcourt fhathast ag ràdh nach cuir e saighdearan ach ma bheir an siorrachd fhèin 150 oifigear poileas. Tha e ag ràdh nach eil e gu feum sam bith a bhith ag argamaid ris oir bidh e ag èigheach 's a cur às a chorp mar amadan, 's nach èist e ri ciall no reusan. Tha e a' crìochnachadh na litreach le bhith ag ràdh gur e a bheachd-san gum bu chòir dhan t-siorrachd seasamh gu daingeann a thaobh àireamh nam poileas - nach biodh barrachd air 30 a dhìth a-muigh no mach le taic bho shaighdearan.

Mar a thachair, cha robh a' mhòr-chuid de BhP sa chaibineat a' creidsinn gun robh feum aig an arm a dhol an sàs san Eilean Sgitheanach agus chaidh iarrtas Ivory a dhiùltadh. An àite sin, mhol an riaghaltas gun leudaicheadh ùghdarrasan Siorrachd Inbhir Nis feachd a' phoilis. Ron t-Samhain 1882 chaidh 50 constabal a bharrachd a chur ris an 44 ann am feachd Siorrachd Inbhir Nis.

A dh'aindeoin àrdachadh san àireamh phoileas, lean Cogadh nan Croitearan air Ghàidhealtachd. Ri linn iomairtean nan croitearan, agus na pàipearan-naidheachd agus am poball a bhith a' sìor fhàs bàigheil riutha, chaidh Coimisean Napier a chur air bhonn sa Chèitean 1883 gus suidheachadh nan croitearan agus nan coitearan ann an Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba a sgrùdadh. Ann an 1886 bha an riaghaltas air Bile nan Croitearan aontachadh, a leasaich suidheachadh nan croitearan gu ìre, ach nach do dhèilig ris a' phrìomh adhbhar iomagain a bh' aca; gum feumadh cothrom a bhith aca air barrachd fearainn.

Aig deireadh Cogadh nan Croitearan cha robh fuasgladh fhathast air ceist an fhearainn air Ghàidhealtachd agus dhùisg an aimhreit às ùr air Ghàidhealtachd anns na 1920an. Lean an t-strì airson leasachadh air siostam an fhearainn às dèidh sin tro iomairtean poilitigeach gun fhòirneart

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir bho Uilleam Ivory, Siorram Inbhir Nis, 9 An t-Ògmhios 1885

1880an

Baile Meadhanach; Gead an Tàilleir; Peighinn a' Chorrain; croitearachd; Achd nan Croitearan; cogadh an fhearainn; strì an fhearainn; Cogadh nan Croitearan

Ionad Tasglainn Ghallaibh

Skye Disturbances