Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donnain
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_15_025_1035
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
10 Lùnastal 1988
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
17358
KEYWORDS
Caisteal Eilean Donnain
Gàrradh-cùirte Eilean Donnain
caisteal air a dhèanamh suas às ùr
Clann MhicRath
MacRath-Gilstrap
Eilean Donnan
Ellan Donnan
Eilean Donan Castle

Tha neach-tadhail òg a' sgrùdadh an gàrradh-cùirt a-staigh ann an Caisteal Eilean Donnain bho na bàbhain. An dèidh a thighinn thairis air an drochaid chloiche bhoghaichte thar an locha, tha luchd-tadhail a' dol tron phrìomh dhoras fon drochaid-togalaich agus a-steach dhan gàrradh-cuirte. Nuair a bha an drochaid-togalaich air a leigeil sìos, fiù 's ged a thuiteadh dìon nam ballachan a-muigh, ghabhadh an daingneach a-staigh a bhith air a dhìon. Tha snaigheadh os cionn a' gheata ag ràdh ann an Gàidhlig 'Fhad 's a tha MacRath a-staigh Cha bhith Frisealach a chaoidh a-muigh.'

Tha an t-eilean air an deach an caisteal a thogail suidhichte aig comar Loch Long, Loch Dubhthaich agus Loch Aillse. Thathas den bheachd gun deach Eilean Donnain ainmeachadh an dèidh Easbaig Donnan, Naomh Èireannach, a thàinig a dh’Alba ann an 580 AD. Chaidh a’ chiad structair daingnichte a thogail air an eilean san treas linn deug, nuair a bha an sgìre fhathast fo chumhachd Triathan nan Eilean.

Chaidh Caisteal Eilean Donnain a thogail ann an suidheachadh aig an robh cudromachd ro-innleachdail gus na Lochlannaich a chumail air falbh, oir bha iad le an ionnsaighean agus an ruatharan fhathast a' bagairt gu làidir orra ann an ceann a tuath na h-Alba. Thairis air na bliadhnaichean leudaich agus lùghdaich an caisteal ann am meud. Bha e na ghearasdan aig luchd-taic nan Seumasach aig àm an ar-a-mach aca san ochdamh linn deug mar fhàbhar dha Cinneadh nan Stiùbhartach, agus dh'adhbhraich a' ghnìomh seo gun deach an caisteal a sgrios.

Bha an caisteal na thobhta sgriosta airson faisg air 200 bliadhna gus an do cheannaich an Leifteanant Còirneal Iain MacRath-Gilstrap an t-eilean ann an 1911, agus choisrig e an ath 20 bliadhna de a bheatha gu dèanamh suas a' chaisteil às ùr. Chaidh crìoch a chur air ann an 1932 agus chaidh fhosgladh dhan phoball ann an 1955 le ogha.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donnain

ROS: Loch Aillse

1980an

Caisteal Eilean Donnain; Gàrradh-cùirte Eilean Donnain; caisteal air a dhèanamh suas às ùr; Clann MhicRath; MacRath-Gilstrap; Eilean Donnan; Ellan Donnan

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept