Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Cuilionn bho Ealaghol, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_15_038_1405
ÀITE
Ealaghol
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
10 Dàmhair 1988
LINN
1980an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
17413
KEYWORDS
beanntan
reangan bheanntan
An Cuilionn
An Cuileann
druim a' Chuilinn
laimrig Ealaghol
Cuillins from Elgol, Skye

‘S cinnteach gur e Ealaghol an t-àite as fheàrr san Eilean Sgitheanach airson sreath bheanntan na Cuilthinn fhaicinn. Tha an rathad às an Àth Leathann a’ tuinneamh, a’ leantainn lochan is a’ sreap bheanntan gus mu dheireadh a ruigeas e baile beag Ealaghoil na croitearachd ‘s an iasgaich. An sin tha leathad cas agus pàirc ùr chàraichean a’ leigeil leis an neach-turais sealladh fradhairceach da-rìreabh fhaicinn mun coinneamh. Taobh thall Loch Sgabhaig, tha Sgurr na Strì (497m) na laighe ris an taobh dheas agus Gars-bheinn (895m) air an taobh chlì le Sgurr nan Eag (924m) air a cùlaibh.

An teis-meadhan nam beanntan seo, ged nach fhaicear e o thràigh Ealaghoil, tha Loch Coir’ Uisg’ na laighe na choire fhèin, fear de na coireachan as ainmeile ann an Alba. Air a chruthachadh tro chrìonadh-deighe mìltean bhliadhnachan air ais, tha grùnn an loch na laighe nas ìsle na uachdar na mara, ach tha e air a chumail on mhuir le sòla creige. Le bideanan casa timcheall agus an ceò drùidhte, chan eil e na iongantas gu bheil faireachdainn an àite gu math dubhach agus gruamach uaireannan, ged a tha e an-còmhnaidh urramach. Nuair chithear air là soilleir, ciùin e, mar a tha e san dealbh seo, gabhaidh e tuigsinn cho tarraingeach ‘s a bha an t-àite bho na làithean Bhictorianach.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Cuilionn bho Ealaghol, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1980an

beanntan; reangan bheanntan; An Cuilionn; An Cuileann; druim a' Chuilinn; laimrig Ealaghol

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

‘S cinnteach gur e Ealaghol an t-àite as fheàrr san Eilean Sgitheanach airson sreath bheanntan na Cuilthinn fhaicinn. Tha an rathad às an Àth Leathann a’ tuinneamh, a’ leantainn lochan is a’ sreap bheanntan gus mu dheireadh a ruigeas e baile beag Ealaghoil na croitearachd ‘s an iasgaich. An sin tha leathad cas agus pàirc ùr chàraichean a’ leigeil leis an neach-turais sealladh fradhairceach da-rìreabh fhaicinn mun coinneamh. Taobh thall Loch Sgabhaig, tha Sgurr na Strì (497m) na laighe ris an taobh dheas agus Gars-bheinn (895m) air an taobh chlì le Sgurr nan Eag (924m) air a cùlaibh.<br /> <br /> An teis-meadhan nam beanntan seo, ged nach fhaicear e o thràigh Ealaghoil, tha Loch Coir’ Uisg’ na laighe na choire fhèin, fear de na coireachan as ainmeile ann an Alba. Air a chruthachadh tro chrìonadh-deighe mìltean bhliadhnachan air ais, tha grùnn an loch na laighe nas ìsle na uachdar na mara, ach tha e air a chumail on mhuir le sòla creige. Le bideanan casa timcheall agus an ceò drùidhte, chan eil e na iongantas gu bheil faireachdainn an àite gu math dubhach agus gruamach uaireannan, ged a tha e an-còmhnaidh urramach. Nuair chithear air là soilleir, ciùin e, mar a tha e san dealbh seo, gabhaidh e tuigsinn cho tarraingeach ‘s a bha an t-àite bho na làithean Bhictorianach.