Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais na Manachainn
EXTERNAL ID
HC_RESTORATION_001
ÀITE
A' Mhanachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
18205
KEYWORDS
manachainn
eaglais
eaglaisean
manachail
abaid
Beauly Priory

Tha an dealbh seo a' sealltainn ceann an iar meadhan Eaglais na Manachainn. Tha an eaglais aig ceann an ear na prìomh cheàrnaig sa Mhanachainn. Chaidh a stèidheachadh mu 1230 le Sir Iain Bisset do na manaich den òrdugh Bhalliscaulian Frangach. Bha manachainnean cuideachd acasan ann an Àird Chatain ann an Earra-Ghàidheal agus aig Plas Càrdain ann an siorrachd Mhoireibh. Chaidh a' mhanachainn a leudachadh agus a h-atharrachadh eadar an 14mh agus an 16mh linn ach às dèidh an Ath-leasachaidh thòisich an togalach a' crìonadh. Anns na 1650an thog saighdearan Chrombail air falbh pàirt de na clachan aice gus an cur a-steach don ghearastan ann an Inbhir Nis. Ann an 1901 chaidh pàirt den sgiath a tuath aig a' mhanachainn ath-thogail às ùr mar thrannsa tiodhlacaidh do Chlann MhicCoinnich ChinnTàile. Na b' anmoiche chaidh an eaglais fo ùghdarras na stàite, agus a-nis tha e fo chùram Alba Eachdraidheil.

Tha an t-ainm "Beauly" a' tighinn on Fhraingis "beau lieu" a' ciallachadh "àite brèagha". Dh'fhuirich Màiri, Banrigh na h-Alba sa mhanachainn ann an 1564, nuair a bha i a' siubhal tron Ghàidhealtachd. Their cuid gun tàinig an t-ainm o fhaclan a thuirt i nuair a bha i ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais na Manachainn

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

1990an

manachainn; eaglais; eaglaisean; manachail; abaid

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha an dealbh seo a' sealltainn ceann an iar meadhan Eaglais na Manachainn. Tha an eaglais aig ceann an ear na prìomh cheàrnaig sa Mhanachainn. Chaidh a stèidheachadh mu 1230 le Sir Iain Bisset do na manaich den òrdugh Bhalliscaulian Frangach. Bha manachainnean cuideachd acasan ann an Àird Chatain ann an Earra-Ghàidheal agus aig Plas Càrdain ann an siorrachd Mhoireibh. Chaidh a' mhanachainn a leudachadh agus a h-atharrachadh eadar an 14mh agus an 16mh linn ach às dèidh an Ath-leasachaidh thòisich an togalach a' crìonadh. Anns na 1650an thog saighdearan Chrombail air falbh pàirt de na clachan aice gus an cur a-steach don ghearastan ann an Inbhir Nis. Ann an 1901 chaidh pàirt den sgiath a tuath aig a' mhanachainn ath-thogail às ùr mar thrannsa tiodhlacaidh do Chlann MhicCoinnich ChinnTàile. Na b' anmoiche chaidh an eaglais fo ùghdarras na stàite, agus a-nis tha e fo chùram Alba Eachdraidheil.<br /> <br /> Tha an t-ainm "Beauly" a' tighinn on Fhraingis "beau lieu" a' ciallachadh "àite brèagha". Dh'fhuirich Màiri, Banrigh na h-Alba sa mhanachainn ann an 1564, nuair a bha i a' siubhal tron Ghàidhealtachd. Their cuid gun tàinig an t-ainm o fhaclan a thuirt i nuair a bha i ann