Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Prais leaghaidh
EXTERNAL ID
HLD_1
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2002
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Historylinks, Dòrnach
AITHNEACHADH MAOINE
18208
KEYWORDS
goilf
Melting pot

'S e seo prais leaghaidh a bha air a cleachdadh airson a bhith dèanamh bàllaichean goilf. Tha e ri fhaicinn, còmhla ri nithean eile co-cheangailte ri dèanamh nam bàllaichean goilf, ann an Taigh-tasgaidh 'Historylinks' ann an Dòrnach.

Tha fios gun deach goilf a chluich ann an Dòrnach o thràth san t-seachdamh linn deug. Bha na ciad bàlaichean goilf dèanta à fiodh ach uaireigin san 17mh linn thàinig na 'featheries; a-staigh, poca de chraiceann-ba air a dhinneadh làn itean geòidh agus air a chòmhdach le peant. Sheas na 'featheries' dà linn gus an tàinig bàlaichean dèanta le gutta percha air an robh 'gutties' nan àite. 'S e stuth coltach ri rubair a th' ann an gutta percha, stuth a bhiodh air a bhlàthachadh agus air a mhulladh nam bàlaichean goilf.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Prais leaghaidh

goilf

Taigh-tasgaidh Historylinks, Dòrnach

'S e seo prais leaghaidh a bha air a cleachdadh airson a bhith dèanamh bàllaichean goilf. Tha e ri fhaicinn, còmhla ri nithean eile co-cheangailte ri dèanamh nam bàllaichean goilf, ann an Taigh-tasgaidh 'Historylinks' ann an Dòrnach. <br /> <br /> Tha fios gun deach goilf a chluich ann an Dòrnach o thràth san t-seachdamh linn deug. Bha na ciad bàlaichean goilf dèanta à fiodh ach uaireigin san 17mh linn thàinig na 'featheries; a-staigh, poca de chraiceann-ba air a dhinneadh làn itean geòidh agus air a chòmhdach le peant. Sheas na 'featheries' dà linn gus an tàinig bàlaichean dèanta le gutta percha air an robh 'gutties' nan àite. 'S e stuth coltach ri rubair a th' ann an gutta percha, stuth a bhiodh air a bhlàthachadh agus air a mhulladh nam bàlaichean goilf.