Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cur-sìos Clach-bhonn aig Eaglais na Naoimh Moire sna h-Achaidhean
EXTERNAL ID
JTHOMSON_BOX1_0018
ÀITE
Cùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1992
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Jimmy Thomson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
18225
KEYWORDS
eaglaisean
Inbhir Nis
eaglaisean ùra
Laying of Foundation Stone for Church of Saint Mary's in the Fields

Chaidh an dealbh seo a shònrachadh bho chionn ghoirid ann an sreath 'Picture Detective' aig 'AmBaile', còmhla ris a' phàipear-naidheachd, Courier Inbhir Nis.

Dh'aithnicheadh gun deach an dealbh a thogail nuair a chaidh clach-bhonn na h-Eaglais ùir Easbaigich Albannaich a chur sìos ann an Rathad Cheapaich, Cùil Lodair. An-diugh 's e 'St Mary in the Fields' an t-ainm a th' oirre. Chaidh an dealbh-camara a thogail san t-Sultain 1992.

O chlì gu deas 's e na fireannaich: Mgr Anndra Wright, Ailtire na Sgìr-easbaig (Law, Dunbar-Naismith, Forrais); An t-Urr Canan Artar A. Mac na Ceàrdaich, na Shagart aig an dà eaglais, Eaglais an Nmh òn, Rathad Southside agus Eaglais na Nmh Moire sna h-Achaidhean, Cùil Lodair; an Deas Urr. Seòras Sessford, Easbaig Sgìre-Easbaigeachd Mhoireibh, Rois is Ghallaibh; agus am Fìor Urr. Calum Grannd, Probhast Cathair-eaglais an Nmh Anndra, Inbhir Nis.

Thòisich an coithional Easbaigeach ann an Cùil Lodair ag adhradh ann an 1973 ann an diofar àite thar nam bliadhnachan. Chaidh làrach don eaglais ùir a cheannach aig toiseach 1989 faisg air Ionad Chùil Lodair. Thòisich togail na ciad ìre - an talla/eaglais, cidsin agus rum-aodaich nan sagart - san t-Sultain 1992. Chaidh crìoch thràth a chur air an obair agus thòisich na seirbheisean cunbhalach ann an 1993.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cur-sìos Clach-bhonn aig Eaglais na Naoimh Moire sna h-Achaidhean

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

eaglaisean; Inbhir Nis; eaglaisean ùra

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Thomson Archive