Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Nis san t-sneachda
EXTERNAL ID
JTHOMSON_BOX1_0026
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
Jimmy Thomson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
18231
KEYWORDS
caistealan
sneachd
sneachda
cuitheachan sneachda
seallaidhean geamhraidh
caistealan
taighean-cùirte
Inverness Castle in snow

'S e seo sealladh air Caisteal Inbhir Nis fada sna 1950an. Chaidh an dealbh a thogail o Shràid na Bruaich. Aig fìor làmh dheas an deilbh, gabhaidh beagan de bhogha chaistealaichte na seana drochaid chrochte fhaicinn. Chaidh seo a leagail ann an 1959.

'S e seo sealladh de Chaisteal Inbhir Nis san t-sneachd. Chaidh an togalach de chlach-gainmhich ruadh a chithear an-diugh a thogail ann an 1833-36 le Uilleam Burn à Dùn Èideann, ach tha an t-ionad air a bhith ga chleachdadh aig iomadh daingneach bhon 11mh linn. An-diugh 's ann mar ionad-riaghlaidh agus taigh-cùirte a tha an caisteal ga chleachdadh.

Chaidh an càr as fhaisg' air a' chamara, Ford Zephyr, a chlàradh ri Ailbeart Iòseph Rizzia à Rathad nan Draoidh, Inbhir Nis, san Ògmhios 1956.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Nis san t-sneachda

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

caistealan; sneachd; sneachda; cuitheachan sneachda; seallaidhean geamhraidh; caistealan; taighean-cùirte

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Thomson Archive