Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceàrnag an Stèisein, Inbhir Nis, san t-sneachd
EXTERNAL ID
JTHOMSON_BOX1_0027
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
CRUTHADAIR
Jimmy Thomson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
18232
KEYWORDS
sneachd
sneachda
cuithe sneachda
stèiseanan rèile
carraighean cuimhne
Cogadh Mòr
cogadh
geamhradh
rèile
taighean-òsta

Station Square, Inverness, in snow

An seo chithear fireannaich a' sguabadh air falbh sneachda ann an Ceàrnag na Stèisein, Inbhir Nis. Taobh chlì an deilbh chithear an aghaidh a bh' air an steisean an toiseach, air a dheilbh le Iòsaph Mitchell. Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis is Narainn stèisean an seo an t-7mh den t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na phrìomh ionad-rèile sa Ghàidhealtachd, le slighean a' sgaoileadh bhuaithe gu ruig Peairt gu deas agus seachad sin, gu Obar Dheathain san ear, gu Caol Loch Aillse san iar agus gu Inbhir Ùige gu tuath.

Chaidh Taigh-òsta an Stèisein a thogail ann an 1855 ri dealbhadh aig an ailtire agus einnseanair ainmeil, Iòseph Mitchell. Cho-thachair e le fosgladh Rèile Inbhir Nis is Narainn, ris an robh Mitchell dlùth cheangailte. Chaidh ath-dhealbhadh mòr a dhèanamh air an taigh-òsta ann an 1858-9 le Seumas Matthews & Uilleam Lawrie. Chaidh a cheannach le Rèile na Gàidhealtachd ann an 1876. Chaidh ath-thogail cudromach eile a dhèanamh le Ros & MacBheatha ann an 1898 agus b’ann an uair sin a chaidh doras an taigh-òsta a ghluasad bho Shràid na h-Acadamaidh gu Ceàrnag an Stèisein.

Às dèidh don rèile a dhol an seilbh na stàite an 1948, chaidh riaghladh is ruith an taigh-òsta a chur gu Roinn-ghnìomha Thaighean-òsta aig Coimisean Còmhdhail Bhreatainn agus rinn iadsan ath-thogail air pàirt dhen togalach ann an 1958. Ghabh Bòrd Rèile Bhreatainn os làimh e ann an 1962 agus mu dheireadh chaidh an taigh-òsta a reic ann an 1983. Chaidh an t-ainm ùr Taigh-òsta Rìoghail na Gàidhealtachd a chur air sa Chèitean 2000.

B’ ann san taigh-òsta seo a bha beagan beothalachd ann an làithean tràtha a’ Chogaidh Mhòir nuair a lorgadh dà fhear-bhrathaidh Gearmailteach ann agus chaidh an cur an grèim an seo.

B’ ann le Rèile Bhreatainn a bha an làraidh san dealbh agus tha iad ga chleachdadh airson sneachd a thoirt sìos gu bruaichean Abhainn Nis, faisg air Drochaid Waterloo. Chaidh sneachd bho air feadh a’ bhaile a thilgeil an sin agus uaireannan bhiodh e grùnn sheachdainean ag aiteamh. Bha seo sna làithean mus do chleachdadh salann air son sneachd a leaghadh.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceàrnag an Stèisein, Inbhir Nis, san t-sneachd

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

sneachd; sneachda; cuithe sneachda; stèiseanan rèile; carraighean cuimhne; Cogadh Mòr; cogadh; geamhradh; rèile; taighean-òsta;

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Thomson Archive