Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Togail air Làrach Leasachaidh Ionad Bhùthan a' Gheata an Ear, 1980an
EXTERNAL ID
JTHOMSON_BOX2_0097
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1983
LINN
1980an
CRUTHADAIR
Jimmy Thomson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
18350
KEYWORDS
Eastgate
Eastgate Centre
shopping centres
shopping malls
malls
Construction of Eastgate Shopping Centre, 1980s

San dealbh-chamara seo chithear togail de phàirt de dh'Ionad Bhùithean Geata an Ear (Pàirt I) aig oisean Rathad Allt a' Mhuilinn agus Rathad a' Chrùin, Inbhir Nis.

Dh'fhosgail an t-ionad a dhorsan don mhòr-shluagh Diluain 28mh Gearran 1983. Ghluais caochladh bhùth-reic a-staigh, nam measg companaidhean nàiseanta leithid Marks & Spencer, Boots na Ceamadairean, Mòr-bhùth Fine Fair, Mothercare, Seudairean Ratners agus Dorothy Perkins.

Ann an 1993 chaidh ath-loinn a chur air an ionad ach b' ann ann an 1997 a chaidh a mholadh gun deidheadh leudachadh feumail a dhèanamh ris an ionad, agus cha mhòr nach dèanadh seo dùblachadh air an àireamh de bhùithean bho 34 gu 64. Chaidh an leudachadh a chrìochnachadh ann an 2003 agus na bhroinn bha dà dhrochaid le mullaichean, tè dhiubh a' ceangal taobh eile an rathaid ris agus an tè eile a' dol do Mhòr-stòr Safeway. Chaidh Geata an Ear (Pàirt II) a mheas '(one of) the most impressive planning projects in Scotland in recent years' agus 's e fhuair an àrd-dhuais sna 'Scottish Awards for Quality in Planning 2003'.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Togail air Làrach Leasachaidh Ionad Bhùthan a' Gheata an Ear, 1980an

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1980an

Eastgate; Eastgate Centre; shopping centres; shopping malls; malls;

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Thomson Archive