Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rèis Ràthan Inbhir Nis - Luchd-obrach B & Q
EXTERNAL ID
JTHOMSON_BOX4_0135
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1991
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Jimmy Thomson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
18578
KEYWORDS
co-fharpaisean
ruith
Inverness Raft Race - Staff of B & Q

San dealbh-chamara seo chithear luchd-obrach B & Q ann an Sràid Telford, air an còmhdach airson Rèis Ràthan Inbhir Nis tràth sna 1980an. San t-sreath chùl, clì gu deas, tha Graham Jervis, Marc Hall, Harry Innes no Kesson, Ros Paterson, Scott Ironside agus Scott MacCoinnich. San t-sreath-aghaidh, on chlì, tha Moira Muggridge agus Anna NicLeòid. Tha an dà bhoireannach eile fhathast rin aithneachadh.

Chuir an sgioba orra aodach mar charactaran on fhilm 'Grease' agus ged nach do bhuannaich iad rèis nan ràth, choisinn iad a' chiad àite airson aodach annasach. An ath bhliadhna a-rithist choisinn iad aon uair eile 's iad air an còmhdach mar 'Gangsters and Molls'.

B' e an ràth a bh' aig an sgioba Cadillac pinc a thog iad dhaibh fhèin. Bha e air uidheamachadh le deaca teip a chluich ceòl on fhilm. Bha aodach na clann-nighean air a dhèanamh le làimh agus bha e dearg, gorm, uaine agus buidhe.

Chaidh an ìomhaigh seo a shealltainn bho chionn ghoirid ann am 'Maor-sgrùdaidh Dhealbhannan' a' Bhaile, a chaidh a ruith ann an co-bhuinn ris an Inverness Courier. Tha sinn an comain Moira Muggridge, Ros Paterson, Anna NicLeòid agus Ray MacAoidh airson an fhiosrachadh seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rèis Ràthan Inbhir Nis - Luchd-obrach B & Q

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

co-fharpaisean; ruith;

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Thomson Archive