Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Turas Bun-sgoil a' Chrùin air Bòrd an HMS Inverness
EXTERNAL ID
JTHOMSON_BOX4_0149
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
25 Ògmhios 1994
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Jimmy Thomson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
18588
KEYWORDS
tursan
turasan
bàtaichean
Cabhlach Rìoghail
Crown Primary School Trip on Board HMS Inverness

'S e seo dealbh de bhuidheann sgoilearan o Bhun-sgoil a' Chrùin air thuras air HMS Inverness san Ògmhios 1994. Bha an soitheach seo, a bha na sguabadair nam mèinnean le bun-chala aig Rosyth, air thuras neo-fhoirmeil don bhaile, 's i ceangailte aig Cidhe an Longman.

Chaidh HMS Inverness a thoirt à coimisean ann an 2005, agus às dèidh ath-chàradh, chaidh a thoirt seachad gu foirmeil gu Nèibhidh Estonia sa Ghiblean 2007, agus an t-ainm ùr oirre EML Sakala (M314).

Chaidh an dealbh seo a chur san t-sreath 'Picture Detectives' aig 'Am Baile' bho chionn ghoirid, air a ruith ann an co-obrach le Courier Inbhir Nis. Chaidh grunn dhaoine aithneachadh. 'S iad ceannard Sgoil a' Chrùin, Mgr Ceanadach, na sheasamh aig a' chùl air an làimh chlì. Air a bheulaibh air an taobh a-staigh tha Alasdair Foirbeis. 'S e an dithis bhalach air an taobh cheart san t-sreath-chùl, Alasdair Mac a' Ghobhainn agus Ros Grainge.

Mòran taing gu Gail Nic a' Ghobhainn airson an fhiosrachaidh seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Turas Bun-sgoil a' Chrùin air Bòrd an HMS Inverness

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

tursan; turasan; bàtaichean; Cabhlach Rìoghail

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Thomson Archive