Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Martin Harrower agus Blossom, Eastgate, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
JTHOMSON_BOX4_0212
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1994; 1995
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Jimmy Thomson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
18622
KEYWORDS
Eich
tachartasan
fèisean
Martin Harrower & Blossom, Eastgate, Inverness

San dealbh-chamara seo chithear Mgr Màrtainn Harrower, o Dhrochaid Chàrr, agus an t-each aige, Blossom. Tha iad nan seasamh sa Gheata an Ear, Inbhir Nis, agus a' bhliadhna mu 1994-5. Chaidh a' chaileag òg a h-aithneachadh bho chionn ghoirid. 'S i Kimberley Menagh, agus bha a h-athair, Mitch, an ceann Taigh Huntly aig Arm an t-Saoraidh, a' Salvation Army, aig an àm.

Bha daoine Inbhir Nis glè eòlach air Blossom agus bhiodh Mgr Harrower ga toirt suas o Dhrochaid Chàrr ach an tarraingeadh i carbadan bainnse, no an carbad anns an suidheadh Banrigh na Marymas agus a maighdeannan. Bhiodh iad cuideachd a' tairgse chuairtean carbaid do chlann 's an teaghlaichean.

An turas seo, bha Blossom a' cuideachadh le togail-airgid aig SPCA na h-Alba. Bha là gu math soirbheachail aig a h-uile duine: chaidh ochd ceud not a thogail don SPCA agus dh'ith Blossom barrachd air 30 pacaidean de Pholo Mints! Mas bi sin a' cur dragh mòr air fiaclairean, bha Blossom mothachail mu slàinte a beòil. Seachdain mus deach i dhan Gheata an Ear, bha a dealbh sa phàipear 's i ga dèanamh fhèin brèagha, agus bruis fhiaclan a bha brùideil mòr aice! Am measg dhealbhan eile a nochd sa phàipear bha Blossom ann agus fear-glèidhidh nan àiteachan pàrcaidh a' toirt dhi tiogaid airson stad mì-laghail air Barraid Àird-rois, agus cuideachd dealbh dhith còmhla ri Bodach na Nollaig ann am meadhan an t-samhraidh.

'Bhiodh sinn a' dèanamh tòrr rudan gòrach sna làithean sin,' thuirt Mgr Harrower.

'Bhiodh daoine bho Inbhir Nis a' tighinn a chèilidh oirnn ann an Drochaid Chàrr agus bheireadh iad leotha currain dhi. Tha cuimhn' agam aon turas nuair a stad 'chauffeur' aig an achadh agus thaom e a-mach làn poca churrain dhi. Bhiodh i an dùil gur e 'n Nollaig a bh' ann!'

Ged a bhàsaich Blossom beagan bhliadhnachan air ais, tha Mgr Harrower den bheachd gun bi cuimhn' aig mòran dhaoine an Inbhir Nis oirre.

'Bha daoine a' cur an earbsa innte. 'S e each glè glè sholt, stòlda a bh' innte,' thuirt e. 'Cha do chuir i riamh cas ceàrr agus mar a bu lugha an leanaibh air a druim, 's ann a bu stòlda i.'

Chaidh an dealbh seo a chur san t-sreath 'Picture Detective' aig 'Am Baile' bho chionn ghoirid, air a ruith ann an co-obrach le Courier Inbhir Nis. Tha sinn glè thaingeil do Mhgr Harrower airson an fhiosrachaidh seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Martin Harrower agus Blossom, Eastgate, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

Eich; tachartasan; fèisean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Thomson Archive