Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh Thar Pàirc nan Càraichean aig a' Gheata an Ear, Inbhir Nis,1970an
EXTERNAL ID
JTHOMSON_BOX4_0298
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1970an
CRUTHADAIR
Jimmy Thomson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
18656
KEYWORDS
Eastgate
Eastgate Centre
shopping centres
shopping malls
malls
A View Over the Carpark at Eastgate, Inverness, 1970s

Chaidh an sealladh seo air a' phàirc chàraichean a bh' ann aig a' Gheata an Ear a thogail mus deach obair leasachaidh Ionad Bhùithean Geata an Ear a dhèanamh.

Chaidh a' chiad Ionad fhosgladh ann an 1983, agus ath-ùrachadh ris deich bliadhna às dèidh siud. Ann an 1997 chuir an luchd-leasachaidh air adhart molaidhean airson leudachadh ris air an robh feum mhòr ach am faigheadh bùithean ùra ann a bha ag iarraidh a-steach. Chaidh an leudachadh a chrìochnachadh ann an 2003 agus na chois drochaid thairis air an rathad a' ceangal an dà phàirt dheth.

Bha an togalach liostaichte, anns bheil an-diugh Laura Ashley agus Pizza Express, uaireigin na phàirt de Leaghadair a' Falcon a bh' aig ceann-uidhe rèile Inbhir Nis. Chaidh an togalach sin, a chithear ri mullach a deas an deilbh seo, a leagail clach air clach agus ath-thogail far a bheil e an-diugh. Tha an rèidhlean cloiche taobh a-muigh leudachaidh ùir a' Gheata an Ear, air a bheil Ceàrnag Falcon, air ainmeachadh air Iain Falconer, am fear a chuir air bhonn Leaghadair a' Falcon.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh Thar Pàirc nan Càraichean aig a' Gheata an Ear, Inbhir Nis,1970an

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1970an

Eastgate; Eastgate Centre; shopping centres; shopping malls; malls;

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Thomson Archive