Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Campa 1d Feachd nam Balach Inbhir Nàrainn ann an Droighneachan
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_6_03_02
ÀITE
Droighneachan
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Caladar
DEIT
1945; 1946
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19125
KEYWORDS
scoutadh
feachd nam balach
Gluaiseacht nan Gillean
buidhnean òigridh
campachadh
1st Nairn Scouts camp at Drynachan

Campa le 1d Feachd nam Balach Inbhir Nàrainn air Abhainn Eire ann an 1945 no 1946.

Srath cùil, clì gu deas: Maighstir Scout Jim Clark; [neo-aithnichte], [neo-aithnichte], Solly Mac an Tòisich, Athall Moireach, Roy Dale, [neo-aithnichte], [neo-aithnichte], [neo-aithnichte], [neo-aithnichte], Iain Laidlaw; [neo-aithnichte], Iain MacAoidh, Iain Foirbeis, [neo-aithnichte], [neo-aithnichte], [neo-aithnichte], [neo-aithnichte], Coimiseanair Siorrachd Còireal Uallas.
Sreath aghaidh: Seòras Moireach, Iain Innes, chan eil fios cò th' anns an fheadhainn eile.

Mas urrainn dhuibh cuideachadh le bhith ag aithneachadh neach sam bith eile san dealbh seo bhiodh sin air leth toilichte cluinntinn bhuaibh.

Chaidh 1d Feachd nam Balach Inbhir Nàrainn a' stèidheachadh tràth san t-samhradh 1908 le buidheann bhalach a' tighinn còmhla agus bha iad uile air iris "The Scout" a leugheadh oir bha e air a thighinn a-mach bhon Ghiblean a' bhliadhna sin. Lean seo bho foillseachadh ann am pàirt tràth ann 1908 de "Scouting for Boys" aig Baden-Powell. An dèidh ùine dheth an t-samhraoidh a' bhliadhna sin dh'fhaighnich na balaich dha Mgr Seumas Riach, am maighstir-sgoile, am Feachd a ghabhail, agus bha e na Mhaighstir Scout gu mu 1915, nuair a dhùin am Feachd air sgàth nan amannan doirbh aig àm a' Chiad Chogaidh. Chaidh am Feachd ath-bheothachadh sa Cheitean 1921, fon Àrd-maraiche Sir Heathcote Grannd a bha a' fuireach annns Na Bothachan, chun an ear air Inbhir Nàrann. Ged a tha amannan air a bhith ann nuair nach robh a' ruith ach aon earrann, tha 1d Bhuidhean Feachd nam Balach Inbhir Nàrann air a bhith a' ruith on uair sin. Ann an 1939 dh'ath-thog iad seada a bha air a cleachdadh roimhe seo ann an Dùn Dheòrsa air an fhearann ri taobh Sgoill Millbank. B' e seo a' phrìomh-ionad aca gu o chionn beagan bhliadhnaichean nuair nach gabhadh i càradh tuilleadh. Feumaidh 1d Buidheann Feachd nam Balach Inbhir Nàrann an-diugh coinneachadh ann an togalaichean sgoile. Airson iomadh bliadhna, bho 1935 gu 1995, bha Feachd Mara nam Balach soirbheachail ann an Inbhir Nàrann agus bha am prìomh-ionad aig a' chala.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Campa 1d Feachd nam Balach Inbhir Nàrainn ann an Droighneachan

SIORRACHD NARANN: Caladar

1940an

scoutadh; feachd nam balach; Gluaiseacht nan Gillean; buidhnean òigridh; campachadh

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection