Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Bhaile Mac Ara
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_16_3_027
ÀITE
Baile Mac Ara
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19554
KEYWORDS
taighean mòra
oighreachdan
Balmacara House

A rèir coltais tha an dealbh camara seo de Thaigh Bhaile Mac Ara (air a litreachadh gu ceàrr Balmacarra) na pàirt de shreath de chairtean-puist àireamhaichte.

Chaidh an taigh tùsail a thogail air cladach Loch Aillse c1801 le Sir Ùisdean Innes goirid an dèidh dha Oighreachd Loch Aillse a cheannach. Tha am bloca tùsail sa mheadhan fhathast ri fhaicinn an-diugh. Ghlac an taigh aire Uilleam Daniell a rinn dealbh peant-uisge àlainn dheth c 1817.

Bha Innes a' fuireach san taigh airson grunnan bhliadhnaichean agus mu dheireadh reic e e ri Sir Alasdair MacMhathain e ann am meadhan na 19mh linn agus chur esan ris an taigh agus rinn e atharrachaidhean ris. Bha an teaghlach MacMhathain a' fuireach an seo gus an deach Caisteal Dhùn na Creige a thogail agus an uair sin chaidh Taigh Bhaile Mac Ara agus pàirt den oighreachd a reic ri Sir Daniel Hamaltan. Dh'fhuirich an taigh san teaghlach sin gus an do bhàsaich a bhantrach ann an 1947 nuair a chaidh fhàgail aig an Urras Nàiseanta.

Bha Taigh Bhaile Mac Ara an dèidh sin air a chleachdadh mar cholaiste àiteachais agus gàrradaireachd le oileanaich bho air feadh ceann a tuath na h-Alba a' dol ann. Bha iad ag ionnsachadh obair tuathanais, cumail bheathaichean agus gàirnealaireachd. An dèidh sin chaidh an taigh a thoirt air mhàl dhan Chabhlach Rìoghail airson a chleachdadh mar ionad trèanaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Bhaile Mac Ara

ROS: Loch Aillse

1940an

taighean mòra; oighreachdan

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection