Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag ann an Àird Eilbh
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_16_4_004
ÀITE
Àird Eilbh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19564
KEYWORDS
aiseagan
laimrigean
càraichean
bàtaichean
Ferry at Ardelve

Chithear càr an seo ga chur air an aiseag airson a dhol a-null dhan Dòrnaidh à Àird Eilbh.

Chaidh baile An Dòrnaidh a chur a-mach bho thùs mar stèisean iasgaich/malairt le coltas gu robh pailteas sgadan a' gealltainn soirbheachadh. An dèidh dhan iasgach crìonadh, chaidh an àireamh-sluaigh sìos, mhair An Dòrnaidh mar àite cudromach oir bha slighe na h-aiseig a' toirt slighe na bu luaithe agus na b' fhasa gu Loch Aillse agus An Eilean Sgitheanach.

Bha an t-seirbheis aiseig trang a' dol tarsainn Loch Long, Loch Aillse agus Loch Dubhthaich le laimrigean anns An Tobhtaig, An Dòrnaidh agus Àird Eilbh agus bha iad a' ceangal paraistean Chinn Tàile agus Loch Aillse. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh a bha i a' ruith, bha an t-seirbheis aiseig ag obair bho 8m gu 8f gach latha a' gabhail a-steach Là na Sàbaid agus làithean-saora. Ghabh drochaid a bha a' ceangal An Dòrnaidh agus Àird Eilbh àite na seirbheis aiseig ann an 1940 agus chaidh drochaid ùr a thogail ann an 1990.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag ann an Àird Eilbh

ROS: Loch Aillse

1920an

aiseagan; laimrigean; càraichean; bàtaichean

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

Chithear càr an seo ga chur air an aiseag airson a dhol a-null dhan Dòrnaidh à Àird Eilbh.<br /> <br /> Chaidh baile An Dòrnaidh a chur a-mach bho thùs mar stèisean iasgaich/malairt le coltas gu robh pailteas sgadan a' gealltainn soirbheachadh. An dèidh dhan iasgach crìonadh, chaidh an àireamh-sluaigh sìos, mhair An Dòrnaidh mar àite cudromach oir bha slighe na h-aiseig a' toirt slighe na bu luaithe agus na b' fhasa gu Loch Aillse agus An Eilean Sgitheanach.<br /> <br /> Bha an t-seirbheis aiseig trang a' dol tarsainn Loch Long, Loch Aillse agus Loch Dubhthaich le laimrigean anns An Tobhtaig, An Dòrnaidh agus Àird Eilbh agus bha iad a' ceangal paraistean Chinn Tàile agus Loch Aillse. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh a bha i a' ruith, bha an t-seirbheis aiseig ag obair bho 8m gu 8f gach latha a' gabhail a-steach Là na Sàbaid agus làithean-saora. Ghabh drochaid a bha a' ceangal An Dòrnaidh agus Àird Eilbh àite na seirbheis aiseig ann an 1940 agus chaidh drochaid ùr a thogail ann an 1990.