Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Phrìomh Shràid ann an Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_16_4_006
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19566
KEYWORDS
sràidean
togalaichean
bancaichean
oifisean puist
Main Street, Kyle Loch Alsh

B' e àite trang a bh' ann an oisean a' Phrìomh Shràid agus Rathad an Stèisein an an Caol Loch Aillse an còmhnaidh, agus leis an neach togail dheilbh, Donnchadh Mac a' Phearsain, ag obair na bhùth chungaidhean air taobh eile na sràide, bha pailteas cothrom aige airson beatha làitheil sa bhaile a ghlacadh. Thàinig Mac a' Phearsain a Chaol Loch Aillse agus thòisich e a ghnothachas ann an 1912.

Chaidh togalach susbainteach Banca na h-Alba agus Oifis a' Phuist air an làimh chlì a thogail ann an 1904 agus air an làimh dheis, le dìreach oisean beag ri fhaicinn, tha am Banca Coimeirsealta na bu thràithe a chaidh a thogail ann an 1895 (an dèidh seo Banca Rìoghail na h-Alba) agus tha iad sin a' comharrachadh an t-sràid mar mheadhan malairt a' bhaile. Tha dùin de chlach agus sprùilleach air beulaibh agus ri taobh a' bhanca a' coimhead coltach gu bheil obair ga dhèanamh air na steapaichean agus na ballachan. Na fhaide sìos an t-sràid tha na 'Pioneer Stores' agus bhathas ag ràdh gun robh iad a' reic a h-uile càil bho shnàthad gu acair. Air an taobh dheis tha Taigh-òsta A' Chaoil, gnothachas a chaidh a stèidheahadh mus deach ceann-uidhe an rèile a leudachadh à Port an t-Sròim.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Phrìomh Shràid ann an Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1920an

sràidean; togalaichean; bancaichean; oifisean puist

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

B' e àite trang a bh' ann an oisean a' Phrìomh Shràid agus Rathad an Stèisein an an Caol Loch Aillse an còmhnaidh, agus leis an neach togail dheilbh, Donnchadh Mac a' Phearsain, ag obair na bhùth chungaidhean air taobh eile na sràide, bha pailteas cothrom aige airson beatha làitheil sa bhaile a ghlacadh. Thàinig Mac a' Phearsain a Chaol Loch Aillse agus thòisich e a ghnothachas ann an 1912.<br /> <br /> Chaidh togalach susbainteach Banca na h-Alba agus Oifis a' Phuist air an làimh chlì a thogail ann an 1904 agus air an làimh dheis, le dìreach oisean beag ri fhaicinn, tha am Banca Coimeirsealta na bu thràithe a chaidh a thogail ann an 1895 (an dèidh seo Banca Rìoghail na h-Alba) agus tha iad sin a' comharrachadh an t-sràid mar mheadhan malairt a' bhaile. Tha dùin de chlach agus sprùilleach air beulaibh agus ri taobh a' bhanca a' coimhead coltach gu bheil obair ga dhèanamh air na steapaichean agus na ballachan. Na fhaide sìos an t-sràid tha na 'Pioneer Stores' agus bhathas ag ràdh gun robh iad a' reic a h-uile càil bho shnàthad gu acair. Air an taobh dheis tha Taigh-òsta A' Chaoil, gnothachas a chaidh a stèidheahadh mus deach ceann-uidhe an rèile a leudachadh à Port an t-Sròim.