Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uilleam Mòr, Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_16_4_008
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19568
KEYWORDS
caractaran
daoine ainmeil sgìreil
Big Willie, Kyle of Lochalsh

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail le Donnchadh Mac a' Phearsain, fear aig an robh Buth a' Cheimigeir ann an Caol Loch Aillse eadar 1912 is 1966.

A bharrachd air a bhith a' cumail a bhùth a' dol gu soirbheachail, bha Mac a' Phearsain dèidheil air a' chamara, rud a bhiodh an còmhnaidh ri làimh ach an glacadh e dealbhan na sgìre agus dhaoine an àite. Dh'fhoillsich e mòran de na dealbhan-camara aige mar chairtean-puist a reiceadh e don mhargaid bheothail de thurasachd.

Nochd an dealbh seo ann an sreath chairtean-puist le àireamhan orra, agus chithear ann Uilleam Mòr, no Big Wille, fear de na caractaran sa Chaol. Chan eil fhios an do chòmhdaich e e fhèin gu snasail airson an deilbh seo air neo gur e seo aodach àbhaisteach, ach 's e dealbh glè eireachdail a th' ann dheth le a chòta mòr spaideil, miotagan is maide coiseachd. A rèir aithris bha Willie air ùine a chur seachad sna Stàitean Aonaichte agus air dha tilleadh dhachaigh thòisich e air bòtannan le spuirean a chur air. Bha iad ag ràdh cuideachd gu robh bàta aige, agus gur e poidsear a bh' ann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uilleam Mòr, Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1930s

caractaran; daoine ainmeil sgìreil

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail le Donnchadh Mac a' Phearsain, fear aig an robh Buth a' Cheimigeir ann an Caol Loch Aillse eadar 1912 is 1966. <br /> <br /> A bharrachd air a bhith a' cumail a bhùth a' dol gu soirbheachail, bha Mac a' Phearsain dèidheil air a' chamara, rud a bhiodh an còmhnaidh ri làimh ach an glacadh e dealbhan na sgìre agus dhaoine an àite. Dh'fhoillsich e mòran de na dealbhan-camara aige mar chairtean-puist a reiceadh e don mhargaid bheothail de thurasachd.<br /> <br /> Nochd an dealbh seo ann an sreath chairtean-puist le àireamhan orra, agus chithear ann Uilleam Mòr, no Big Wille, fear de na caractaran sa Chaol. Chan eil fhios an do chòmhdaich e e fhèin gu snasail airson an deilbh seo air neo gur e seo aodach àbhaisteach, ach 's e dealbh glè eireachdail a th' ann dheth le a chòta mòr spaideil, miotagan is maide coiseachd. A rèir aithris bha Willie air ùine a chur seachad sna Stàitean Aonaichte agus air dha tilleadh dhachaigh thòisich e air bòtannan le spuirean a chur air. Bha iad ag ràdh cuideachd gu robh bàta aige, agus gur e poidsear a bh' ann.