Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag Bhail' a' Chaolais
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_16_4_027
ÀITE
Baile a' Chaolais
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
1930s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19585
KEYWORDS
aiseagan
bàtaichean
cuaraidhean
carbadan
Ferry at Ballachulish

San dealbh-chamara seo chithear dà aiseag a' dlùthachadh ris a' chidhe air taobh a tuath dol-tarsainn Bhail' a' Chaolais, uairegin tràth san fhicheadamh linn.

Bho nach robh rathad ann a' dol timcheall Ceann Loch Lìobhain gu ruig 1927, 's e ceangal cudthromach a bha san aiseag. Dh'fheumadh sgrìoban an aiseig a bhith an crochadh air sruth làidir, làn na mara agus cho mòr 's a bha an t-aiseag fhèin. Dh'adhbhraich seo gun deach taighean-òsta is àiteachan-còmhnaidh a stèidheachadh far am faodadh luchd-siubhail a bhith 'fuireach fhad 's a bha iad a' feitheamh a dhol thairis.

Thairis air na bliadhnaichean chaidh diofar seòrsa aiseig a chur gu feum. 'S e an fheadhainn a chithear an seo bàtaichean le tòinean rèidh leathann. Bhiodh na carbadan air an draibheadh air thar dhèileannan air an càradh air lèathad a' chidhe. Nuair a chaidh an carbad a cheangal air an aiseag bhiodh fear an aiseig a' tionndadh a' chlàir-mhullaich gus an gabhadh an carbad a dhraibheadh air adhart, an àite a dhol dheth an còmhair a chùil, nuair a ruigeadh e thall. Beag air bheag chaidh aiseagan na bu mhotha a thoirt ann, gus mu dheireadh ann an 1975, dh'fhosgail Drochaid ùr Bhail' a' Chaolais.

Na shuidhe ann an ionad follaiseach air a' bhruaich a tuath chithear Taigh-òsta mòr Loch Lìobhain. Cha bhiodh taigh-seinnse nan carbad a bh' ann an toiseach ach na bhàr agus na rùm-bhonn agus cidsinean is rumannan air an cur ris mar a dh'fhàsadh an àireamh de dhaoine a bha a' siubhal gu tuath gu ruig an Gearasdan. Tha an rèidhlean de dh'fheur air cnoc air beulaibh an taigh-òsta an-diugh làn de ghàrraidhean brèagha is craobhan.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag Bhail' a' Chaolais

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

1930s

aiseagan; bàtaichean; cuaraidhean; carbadan

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection