Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fear an àite 's Ogha, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_16_5_003
ÀITE
neo-aithnichte
SGÌRE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19593
KEYWORDS
croitearan
aodach
muinntir an àite
daoine nàdarra
an tuath
aodach
Native and his grandson, Skye

'S e an tiotal a th' air a' chairt-phuist seo, 'Native and his grandson, Skye'. B' e fear den t-sreath de chairtean-puist 'Highland Series' le JRRE (John R Russell, Dùn Èideann).

Tha gnothachas Ruiseil air a liostadh sna leabhraichean-seòlaidh malairt eadar 1908 is 1929, ach tha e glè choltach gun deach cuid de na dealbhan-camara a thogail roimhe sin. Bha Ruiseal a' ruith bùth-phaipearachd mòr-reic agus stiuidio chamara, agus bhiodh e a' foillseachadh dhealbhan aig luchd-camara eile fo JRRE. Chuir e a-mach cruinneachaidhean de chairtean-puist, nam measg clann-nighean an èisg, ministearan sgìreil, seallaidhean Dhùin Èidinn agus an t-Sreath Ghàidhealach, anns an robh a' chairt-phuist a tha seo.

B' ann aig tionndadh na linn a chaidh dealbhan-camara mar seo a thogail, le luchd-camara a bhiodh a' siubhail a-mach às na bailtean mòra ach an glacadh iad seallaidhean air beatha sna sgìrean iomallach. Bha ùidh mhòr aig a' chòrr dhen dùthaich air faicinn mar a bha croitearan na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' tighinn beò, an taighean, 's an t-aodach a bhiodh orra. Sna dealbhan chithear cho buileach cruaidh 's a bha am beatha, a' tighinn beò air talamh a bha creagach, garbh, neo-thorrach.

San dealbh seo tha am fireannach agus an gille air an còmhdach le aodach dèanta à cloimh thiugh na dachaigh. Tha pìos aodaich air a' ghille a th' air a phleatadh mu mheadhan mar fheileadh ach air a dhèanamh à clò. Tha coltas air a bhòtannan gu bheil iad caran ro mhòr dha agus air a chur seachad bho dhaoine na b' aosta san teaghlach, mar a bhiodh an t-aodach air a h-uile duine.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fear an àite 's Ogha, An t-Eilean Sgitheanach

croitearan; aodach; muinntir an àite; daoine nàdarra; an tuath; aodach

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection