Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Luadh a' Chlò, Na Hearadh
EXTERNAL ID
KIGHF_HF_16_5_024
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19611
KEYWORDS
stuthan
òran-luaidh
Waulking the Cloth, Harris

B' e an ceum mu dheireadh ann an dèanamh aodach air fhighe san taigh, an luadh – obair a bhiodh a' tigheachadh Clò Hearach (ga dhèanamh nas dìonaich) agus ga sheachdadh beagan . B' ann o fhear Gallda a thàinig am facal 'waulking' ann am Beurla – neach a chunnaic luadh ga dhèanamh leis na casan agus a leasaich am facal 'walking' beagan.

Ann an Alba mar bu trice, b' ann le làimh agus le boireannaich a chaidh a' mhòr-chuid den luadh a dhèanamh. Bhiodh iad nan suidhe timcheall air bòrd air an robh an clò na laighe, 's e air a bhogadh ann an seann mhùin roimhe. (Bhiodh an amòinia 'bruich' sa mhùin a' cuideachadh le daingneachadh an dath agus le bogadh an aodaich). Bhiodh gach tè a' tarraing a' chlò thuice agus ga chur air adhart dhan ath-thè, agus iad ga bhualadh air a' bhòrd gu cruaidh fad an t-siubhail, gus am biodh an clò air a luadh gu rèidh. Chaidh a chur timcheall deasail (rathad a' ghleoca) oir bha iad ga mheas mì-shealbhach a bhith ga chur tuathal.

Bhiodh na boireannaich a' seinn fhad 's a bha iad ag obair, seòrsa òrain nach lorgadh àite sam bith eile ach aig na Gàidheil. Cha b' ann a-mhàin gus an ùine a chur seachad a rinn iad na h-òrain luaidh seo, ach cuideachd gus an cumadh iad suas a' bhuille agus a' ghluasaid 's a h-uile tè ag obair còmhla fad 2 – 3 uairean a thìde.

Bho na 1950an, tha innealan air a bhith a' dèanamh a' mhòr-chuid den luadh air aodach dèanta gu malairteach. Ach tha dualchas an luaidh fhathast ga chumail a' dol ann an comainn agus ann an cuid de ghnìomhachasan dachaigheil.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Luadh a' Chlò, Na Hearadh

INBHIR NIS: Na Hearadh

stuthan; òran-luaidh

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection