Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bùth an Fhuineadair Burnett, Sràid na h- Acadamaidh, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
KIGHF_IMG_0003
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19744
KEYWORDS
bùthan
malairt
fuineadairean
Burnett's Bakery, Academy Street, Inverness

'S ann à Dùn Deagh a bha Bràithrean Burnett a ghabh thairis gnothachas bèicearachd aig Uilleam Milne 's a Mhic, 29 Sràid Àrd, Inbhir Nis, san Dàmhair 1987. Tha sanas-reic on Ghiblean 1922 ag innse gur ann aig 53 Sràid Àrd a bha iad an uair sin, ach ro dheireadh na bliadhna sin bha iad air bùth ùr ann an Sràid na h-Acadamaidh fhosgladh. San àite ùr seo bha dà rùm bèicearachd air am fìor uidheamachadh, rùm ithe, rùm tea, agus rùm cofaidh is smocaidh.

Ann an 1928 fhuair Bràithrean Burnett cead an togalach aig 44 & 46 Sràid na h-Acadamaidh a leudachadh agus atharrachadh. Chaidh an taigh-fuin agus a' bhùth-aghaidh a leudachadh, agus chaidh rùm ithe/cruinneachaidh a chruthachadh air a' chiad lobhta. Chaidh cidsin ùr a chur ann cuideachd. Ann an 1935, chaidh cead a thoirt dhaibh taigh bèicearachd a thogail air Rathad an Longman. Chaidh Burnett's a cheannach mu dheireadh leis na Bèicearachdan Breatannach agus dhùin e ann an 1999.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bùth an Fhuineadair Burnett, Sràid na h- Acadamaidh, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

bùthan; malairt; fuineadairean

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum Photographic Collection

'S ann à Dùn Deagh a bha Bràithrean Burnett a ghabh thairis gnothachas bèicearachd aig Uilleam Milne 's a Mhic, 29 Sràid Àrd, Inbhir Nis, san Dàmhair 1987. Tha sanas-reic on Ghiblean 1922 ag innse gur ann aig 53 Sràid Àrd a bha iad an uair sin, ach ro dheireadh na bliadhna sin bha iad air bùth ùr ann an Sràid na h-Acadamaidh fhosgladh. San àite ùr seo bha dà rùm bèicearachd air am fìor uidheamachadh, rùm ithe, rùm tea, agus rùm cofaidh is smocaidh. <br /> <br /> Ann an 1928 fhuair Bràithrean Burnett cead an togalach aig 44 & 46 Sràid na h-Acadamaidh a leudachadh agus atharrachadh. Chaidh an taigh-fuin agus a' bhùth-aghaidh a leudachadh, agus chaidh rùm ithe/cruinneachaidh a chruthachadh air a' chiad lobhta. Chaidh cidsin ùr a chur ann cuideachd. Ann an 1935, chaidh cead a thoirt dhaibh taigh bèicearachd a thogail air Rathad an Longman. Chaidh Burnett's a cheannach mu dheireadh leis na Bèicearachdan Breatannach agus dhùin e ann an 1999.