Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ùrnaighean Gàidhlig 9
EXTERNAL ID
GB1796_SINCLAIR_GAELICPRAYERS_09
LINN
1980an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
1975
KEYWORDS
ùrnaighean
claistinneach

Get Adobe Flash player

(An coisrigeadh): Gu robh an Tighearna maille ruibh agus ri do spioradsa. Togaibh ur cridheachan. Tha iad togte ris an Tighearna. Thoireamaid buidheachas don Tighearna ar Dia. Tha sin iomchaidh agus ceart. Gu fìrinneach tha e iomchaidh agus ceart agus mar dhleasdanas oirnn gun toireamaid anns gach àm agus anns gach àite taing dhutsa a Thighearna, Athar Naoimh, a Dhia uile-chumhachdaich agus shìorraidh.

(Roimh-ràdh iomchaidh): Air an aobhar sin, còmhla ris na h-ainglean agus ris na h-àrd-ainglean agus còmhla ri cuideachd fhlaitheanais gu lèir, tha sinn a' cliuthachadh agus ag urramachadh d' ainm ghlòrmhoir agus tha sinn gad mholadh gu bràth, ag ràdh :
Is naomh, naomh, naomh Tighearna Dia nam feachd. Tha nèamh agus talamh làn de do ghlòir. Glòir dhutsa a Thighearna ro-àrd. Is beannaichte esan a tha 'tighinn ann an ainm an Tighearna. Hosanna anns na h-àrdaibh.
Gach uile glòir agus taingealachd gu robh dhutsa a Thighearna uile-chumhachdaich, ar n-Athair nèamhaidh, oir airson ar saorsainne thug thu suas gu ro-thròcaireach an t-aon ghin mhic Ìosa Crìosd gus bàs fhulang air a' chrann-cheusaidh agus le tabhartas dheth fhèin a thairgse, rinn esan ìobairt, tabhartas agus èirig a bha iomlan, foirfe agus èifeachdach airson peacannan an t-saoghail gu lèir. Agus shuidhich e cuimhneachan maireannach air a bhàs-san agus air ìobairtsan luachmhor a dh'òrdaich e dhuinn a leantainn gus an till e a-rithist. Oir anns an oidhche anns an deach a bhrathadh, ghabh e aran agus an-dèidh dha buidheachas a thoirt, bhris e e agus thug e dha dheiscobuil e ag ràdh, "Gabhaibh, agus ithibh, oir is e seo mo chorpsa a thèid a liubhairt air ur son. Dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa." Air an dòigh cheudna, an-dèidh na suipearach, ghlac e a' chailis agus an-dèidh dha buidheachas a thoirt, thug e dhaibh i ag ràdh, "Òlaibh uile dheth seo oir is e seo m' fhuilsa an tiomnaidh nuaidh a dhòirtear air ur son-ne agus airson mòran gu maitheanas pheacannan. Cho tric is a nì sibh seo, dèanaibh e mar chuimhneachan ormsa." Air an aobhar sin, a Thighearna agus Athar Nèamhaidh, a-rèir òrdugh do mhic ro-ionmhainn, ar Slànaighear, Iosa Crìosd, tha sinne, do sheirbeisich umhal, le do thìodhlacan naomha a tha sinn a' tairgse dhut a-nis, a' cliuthachadh agus a' dèanamh an seo, an làthair do mhòrachd diadhaidh, a' chuimhneachan a dh'òrdaich do mhac dhuinn. Agus tha sinn a' cuimhneachadh air a phàis bheannaichte agus air a bhàs ionmhainn air aiseirigh cumhachdach agus air a dheas gabhail ghlòrmhor do nèamh.

Agus gu dùrachdach tha sinn a' toirt taing dhut airson nan socharan gun àireamh a chaidh a chosnadh dhuinn leothasan, agus tha ar dùil ri a theachdsan a-rithist le cumhachd agus le mòr ghlòir. Agus tha sinn, do sheirbheisich neo-airidh a' guidhe ort, Athar ro-thròcairich, thu èisdeachd ruinn agus do spiorad naomh a bhuileachadh oirnne agus air do thìodhlacansa agus air do chreutairean de dh'aran agus de dh'fhìon los le bhith beannaichte agus naomhaichte troimh a chumhachdsan a tha a' toirt beatha, gun tig iad gu bhith nan corp agus nam fuil de do mhac ro-ionmhainn, a chum agus gun naomhaichear na h-uile a gheibh na nithean seo, ar aon anns a' cholann agus anns an anam agus gun glaoidhear iad chun na beatha sìorraidh. Agus tha sinn gu dùrachdach ag iarraidh bho do mhaitheas athaireil gun gabh thu gu tròcaireach ri ar n-ìobairtne de mholadh agus de thaingealachd. Agus tha sinn gu h-iriosal a' guidhe ort gun deònaich thu troimh òirdhearcas agus bàs do mhic Iosa Crìosd agus troimh chreideamh na fhuilsan gum faigh sinne agus d' eaglais gu lèir maitheanas ar peacannan agus gach uile sochar eile de phàis san. Agus tha sinn gu h-iriosal gar tairgse fhèin an seo agus a' toirt dhutsa a Thighearna ar n-anamannan agus ar colainnean gu bhith nan ìobairt reusanta, naoimh agus bheò dhut. Agus tha sinn a' guidhe ort gum bi sinn uile a tha 'gabhail co-phàirt anns a' chomanachadh naomh seo, airidh air corp agus fuil ro-ionmhainn do mhic Iosa Crìosd fhaighinn, agus gum bi sinn air ar lionadh le do ghràs agus le do bheannachd nèamhaidh. Tha sinn a' guidhe ort gun dèanar sinn nar n-aon chorp ris-san los gun gabh e còmhnaidh annainn agus sinne annsan.

Agus ged nach bitheamaid airidh troimh ar peacannan lìonmhor air ìobairt sam bith a thairgse dhut, gidheadh tha sinn a' guidhe ort gun gabh thu ri ar dleasdanasan agus ri ar seirbheis agus tha sinn a' guidhe ort, gun ar toilltinn a thomhas, gum maith thu ar ciontan, troimh Iosa Crìosd ar Tighearna, oir is ann troimhsan agus leis-san ann an aonachd an Spioraid Naoimh a tha gach uile onair agus glòir dhutsa, Athar uile chumhachdaich, fad shaoghal nan saoghal. Àmen

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ùrnaighean Gàidhlig 9

1980an

ùrnaighean; claistinneach

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Bill Sinclair Audio: Gaelic Prayers