Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' snìomh leis a' chuigeal
EXTERNAL ID
KIGHF_MCIAN_11
DEIT
1847
LINN
1840an
CRUTHADAIR
R R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19774
KEYWORDS
obraichean
obair
snìomhadh
Spinning with the distaff

'S e seo cairt-phostachd a' sealltainn obair an neach-ealain Albannach R R MacIain.Tha a' chairt a-measg sreath de dhealbhan a' sealltainn dòigh-beatha dhùthchail air a' Ghàidhealtachd. Bha na dealbhan air fhoillseachadh anns an leabhar 'Gaelic gatherings, or the Highlanders at Home on heather, river and loch', ann an 1847-49, agus teacsa le Seumas Logan.

Tha an dealbh seo a' sealltainn snìomhadh le cuigeal, maide gobhlach air an robh a' chlòimh no snàithleach eile. Bha e air a chumail sa chrios no fon achlais. Chithear dealgan crochte air a' chuigeal. Bha an dealgan air a chleachdadh gus a' chlòimh a shlaodadh agus a thoinneamh na shnàth no na shnàithlean. Lean an seòrsa snìomh seo sa Ghaidhealtachd fiù an dèidh dhan chuidhle-shnìomh tighinn ann. Cha robh cuigealan is dealganan daor is ghabhadh an dèanamh san taigh. Bha iad furasta an giùlan cuideachd, is mar seo dh'fhaodadh boireannaich a bhith a' snìomh fhad 's a bha iad a' dèanamh obair eile.

Tha iasg a' tiormachadh air frèam ri taobh clì an dorais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' snìomh leis a' chuigeal

1840an

obraichean; obair; snìomhadh

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

R.R. McIan Illustrations

'S e seo cairt-phostachd a' sealltainn obair an neach-ealain Albannach R R MacIain.Tha a' chairt a-measg sreath de dhealbhan a' sealltainn dòigh-beatha dhùthchail air a' Ghàidhealtachd. Bha na dealbhan air fhoillseachadh anns an leabhar 'Gaelic gatherings, or the Highlanders at Home on heather, river and loch', ann an 1847-49, agus teacsa le Seumas Logan.<br /> <br /> Tha an dealbh seo a' sealltainn snìomhadh le cuigeal, maide gobhlach air an robh a' chlòimh no snàithleach eile. Bha e air a chumail sa chrios no fon achlais. Chithear dealgan crochte air a' chuigeal. Bha an dealgan air a chleachdadh gus a' chlòimh a shlaodadh agus a thoinneamh na shnàth no na shnàithlean. Lean an seòrsa snìomh seo sa Ghaidhealtachd fiù an dèidh dhan chuidhle-shnìomh tighinn ann. Cha robh cuigealan is dealganan daor is ghabhadh an dèanamh san taigh. Bha iad furasta an giùlan cuideachd, is mar seo dh'fhaodadh boireannaich a bhith a' snìomh fhad 's a bha iad a' dèanamh obair eile.<br /> <br /> Tha iasg a' tiormachadh air frèam ri taobh clì an dorais