Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Staile an uisge-beatha
EXTERNAL ID
KIGHF_MCIAN_14
DEIT
1847
LINN
1840an
CRUTHADAIR
R R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19777
KEYWORDS
obair
obraichean
uisge-beatha
taighean-staile
The whiskey still

'S e seo cairt-phostachd a' sealltainn obair an neach-ealain Albannach R R MacIain. Tha a' chairt a-measg sreath de dhealbhan a' sealltainn dòigh-beatha dhùthchail air a' Ghaidhealtachd. Bha na dealbhan air fhoillseachadh anns an leabhar 'Gaelic gatherings, or the Highlanders at Home on heather, river and loch', ann an 1847-49, agus an teacsa le Seumas Logan.

Bha iomadh Gàidheal a' dèanamh uisge-beatha o eòrna air a bhrachadh san dachaigh. Bhathar a' meas a chuid blàths feumail ann an dùthaich fhuar, is bha e air a chleachdadh mar chungaidh-leighis is fiù 's mar phràmhan (anaesthetic).

Anns an 18mh linn, chuir an riaghaltas cìs air uisge-beatha. Cha robh e furasta seo a thoirt gu buil ann an àitean iomallach mar a' Ghaidhealtachd ach, a dh'aindeoin seo, bhiodh na maoir-cìse is na staileadairean mì-laghail no na cùl-mhùtairean a' tachairt air a chèile uaireannan is a' sabaid gu borb. Ann an 1823 chaidh Achd na Cìs-bathair aontachadh. Stèidhich e cìsean aig inbhe a bha a' dèanamh fìor ghnìomhachais de staileadaireachd, is a' dèanamh airgid dhan riaghaltas. Thug seo sìos àireamh nan stailean mì-laghail gu mòr

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Staile an uisge-beatha

1840an

obair; obraichean; uisge-beatha; taighean-staile

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

R.R. McIan Illustrations

'S e seo cairt-phostachd a' sealltainn obair an neach-ealain Albannach R R MacIain. Tha a' chairt a-measg sreath de dhealbhan a' sealltainn dòigh-beatha dhùthchail air a' Ghaidhealtachd. Bha na dealbhan air fhoillseachadh anns an leabhar 'Gaelic gatherings, or the Highlanders at Home on heather, river and loch', ann an 1847-49, agus an teacsa le Seumas Logan.<br /> <br /> Bha iomadh Gàidheal a' dèanamh uisge-beatha o eòrna air a bhrachadh san dachaigh. Bhathar a' meas a chuid blàths feumail ann an dùthaich fhuar, is bha e air a chleachdadh mar chungaidh-leighis is fiù 's mar phràmhan (anaesthetic).<br /> <br /> Anns an 18mh linn, chuir an riaghaltas cìs air uisge-beatha. Cha robh e furasta seo a thoirt gu buil ann an àitean iomallach mar a' Ghaidhealtachd ach, a dh'aindeoin seo, bhiodh na maoir-cìse is na staileadairean mì-laghail no na cùl-mhùtairean a' tachairt air a chèile uaireannan is a' sabaid gu borb. Ann an 1823 chaidh Achd na Cìs-bathair aontachadh. Stèidhich e cìsean aig inbhe a bha a' dèanamh fìor ghnìomhachais de staileadaireachd, is a' dèanamh airgid dhan riaghaltas. Thug seo sìos àireamh nan stailean mì-laghail gu mòr