Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eòghann Mac a' Phì, am fear-cùirn
EXTERNAL ID
KIGHF_MCIAN_24
DEIT
1847
LINN
1840an
CRUTHADAIR
R R McIan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19787
KEYWORDS
obair
obraichean
dreuchdan
ruagairean
luchd-teichidh
luchd-cùirn
fear-fuadain
saighdearan
Ewen MacPhee, the outlaw

Tha iomadh car air a chur air sgeulachd Eòghainn Mac a' Phì, am fear-cùirn Gàidhealach mu dheireadh. Leis an diofar sheanchas a tha a' dol, tha e duilich an fhìrinn a lorg am measg nan sgeulachdan. Tha dà rud cinnteach ann ge-ta - ruith e às an Arm Bhreatannach uireigin rè nan cogaidhean Napòileanach agus bha e a' beò gu mì-laghail fad 40 bliadhna eile.

Rugadh Eòghann Mac a' Phì ann an sgìre Ghleann Garaidh an Loch Abar am meadhan nan 1780an. Chaidh a tharraing don airm an aghaidh a thoil, ach dhearbh e gu robh e na shaighdear comasach agus dh' èirich e gu inbhe Seirdseant. Ach cha robh mòran cothrom gun deidheadh e na b' àirde bhon nach b'urrainn dha sgrìobhadh no leughadh. Nuair a bha e follaiseach dha nach fhaigheadh e an t-àrdachadh a chaidh a ghealltainn dha, chuir e roimhe gun teicheadh e às an rèisimeid. Tha cuid de na cunntasan ag ràdh cuideachd gun robh e fo chasaid bhon a ghoid e airgead a bha ann airson gnìomhan guerilla Spàinnteach ann an Cogadh nan Ìnnsean a phàigheadh.

Ach fhuair e air ais gu Loch Abar, a' seachnadh glacadh na rathad, gus mu dheireadh a chaidh a lorg aig taigh a pheathar ann am Feadan, agus chaidh a chur an grèim. Ach fhad 's a bha iad ga thoirt a Chorpach far an robh soitheach a' feitheamh air acair, leum e thar bhearradh-creige agus thàrr e às.

'S e duine mòr a bh' ann agus bha a charactar a cheart cho fiadhaich ri a choltas. Chuir e seachad dà bhliadhna no mar sin na fhear-fuadain ann an Loch Abar a tuath, mu Loch Arcaig, mus do ghluais e gu eilean ann an Loch Cuaich far na thog e bothan. Ghabh e mar bhean (tha cuid ag ràdh gun do ghoid e i) nighean ceithir bliadhn' deug a dh'aois às Gleann Dubh-lochan faisg air làimh agus thog iad teaghlach mòr eatorra. Bha beatha aca an sin a bha cha mhòr gun trioblaid bhon lagh, a dh'aindeoin 's gu robh Mac a' Phì a' dèanamh a bheò-shlàint le poidsearachd agus a' reic uisge-beatha a rinn e fhèin gu mì-laghail.

An uair sin, fada sna 1840an, chaidh a chur fo ghrèim airson caoraich a ghoid bho na nàbaidhean. Chaidh dearbhadh air seo a lorg air an eilean aige agus chaidh Mac a' Phì a chur sa phrìosan sa Ghearasdan. Fhad 's a bha e a' feitheamh a dheuchainn-cùirte an sin, bhàsaich e.

Chaidh an t-eilean aige, air an robh Eilean Mhic a' Phì, a bhàthadh nuair a dh'èirich uachdar Loch Cuaich tràth sna 1960an na phàirt de Sgeama Dealan-uisge Garaidh-Moireasdain.

'S e seo cairt-phuist a' sealltainn obair an neach-ealain Albannaich R R MacIain. Tha a' chairt ann an sreath de dhealbhan a' sealltainn dòigh-beatha dhùthchail air a' Ghàidhealtachd. Chaidh na dealbhan fhoillseachadh anns an leabhar 'Gaelic gatherings, or the Highlanders at Home on heather, river and loch', ann an 1847-49, agus tha an teacsa le Seumas Logan.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eòghann Mac a' Phì, am fear-cùirn

1840an

obair; obraichean; dreuchdan; ruagairean; luchd-teichidh; luchd-cùirn; fear-fuadain; saighdearan

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

R.R. McIan Illustrations