Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geall Chomann Stuamachd na h-Eaglaise Saoire
EXTERNAL ID
KIGHF_OK_1
LINN
1890an
CRUTHADAIR
Free Church of Scotland Temperance Society
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
19792
KEYWORDS
alcol
deoch làidir
alcolach
òl
Free Church Temperance Society Pledge

Bha An Eaglais Shaor a' moladh stuamachd agus, anns an sgrìobhainn seo, tha G H MacDhùghaill a' gealltainn nach bean e do dheoch làidir a chum òl. Tha an ceann-là 16mh Samhain 1898 air a' gheall is tha ainm-sgrìobhte Raibeart Carr, Rùnaire a' Chomann Stuamachd, air cuideachd.

Cha robh e ceadaichte don duine a bha a' cur ainm ris a' ghealladh alcol òl mar dheoch. Bha e ceadaichte airson adhbharan leigheasach.
Air an taobh chlì tha suaicheantas na h-Eaglaise Saoire. Tha na faclan Laideann 'Nec tamen consumebatur' ('ach cha do chaitheadh am preas') mu sgeulachd Mhaois is am preas a bha a' lasadh le teine.

Chaidh Eaglais Shaor na h-Alba a stèidheachadh ann an 1843. Dhealaich na buill on Eaglais Stèidhichte oir cha robh iad ag aontachadh mu uachdarain-fearainn a bhith a' taghadh ministeir. Bha iad den bheachd nach robh am poileasaidh seo feumail don Eaglais agus, aig an àm air a bheil An Sgaradh, bhris iad an ceangal eadar Eaglais is Stàite a chum An Eaglais Shaor a stèidheachadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geall Chomann Stuamachd na h-Eaglaise Saoire

1890an

alcol; deoch làidir; alcolach; òl

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Highland Folk Museum (illustrations)