Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Còmhlan-ciùil Reggae a' chuich air trèana
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080500
DEIT
Sultain 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Chris Hogg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19825
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
ceòl
buscadh
Reggae Band performing on a train, 1999

Dealbh camara a chaidh a thogail san t-Sultain de chòmhlan-ciùil reggae a' gabhail pàirt ann an tachartas Fèis Northlands 1999, 'Diva on the Train', a' cluich do luchd-èisteachd air bòrd trèana seirbheis ScotRail clas 156 à Inbhir Theòrsa gu Inbhir Nis.

Bha an còmhlan-ciùil, còmhla ri luchd-ciùil eile agus luchd-èisteachd, a' siubhal gu Caladal nan Gall à Inbhir Theòrsa. Lean an tachartas seo air ann am pàillean a chaidh a chur suas a dh'aona ghnothach airson an tachartais. Thogadh an ath thrèana a ruigeadh à Inbhir Nis iad aig an stèisean airson an toirt air ais gu Inbhir Theòrsa. Air an t-slighe air ais bha an luchd-ciùil a-rithist a' cluich dhan luchd-èisteachd a bha air bòrd.

Tha Fèis Northlands a' toirt a-steach fèis ealain Lochlannach-Albannach ann an Gallaibh anns a bheil ceòl, dealbhan-cluich, dannsa agus tachartasan ealain lèirsinneach. Bha cuimhneachan deich bliadhna na fèis ann ann an 2001 agus sguir an fhèis fhèin ann an 2002.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a lenas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Còmhlan-ciùil Reggae a' chuich air trèana

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; ceòl; buscadh

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line