Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana a' chlasrum [2]
EXTERNAL ID
NRM_NBNW_FNL_DS080503
DEIT
Màrt 1999
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Lynn Patrick
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
19828
KEYWORDS
rèile
rathaidean-iarainn
foghlam
clasrùm
The Classroom Train, 1999 [2]

Chaidh an dealbh camara seo de chlann sgoile à Dail Chuinnidh air bòrd clasrùm siubhail an Loidhne a Tuath còmhla ri ball de luchd-obrach ScotRail agus oifigear bho Phoilis Còmhdhail Bhreatainn a thogail sa Mhàrt 1999. Tha iad a' gabhail pàirt ann an cluich de dh'fhuadach nan Croitearan air Ghàidhealtachd aig an àm ris an canar na Fuadaichean.

B' e beachd-smuain dràibhear trèana a bha stèidhichte ann an Inbhir Nis, Steve Neall, a bh' anns a' chlasrum siubhail aig ScotRail. Bha e an sàs ann an taisbeanaidhean sàbhailteachd aig an stèisean agus bha e air òraidean a thoirt anns na sgoiltean ionadail mu shàbhailteachd air trèanaichean agus ann an stèiseanan. B' e na h-òraidean sin a ghluasad gu air bòrd trèana an ath cheum loidsigeach. Chaidh fhaighinn a-mach nach robh 80 sa cheud den chloinn air a bhith air trèana roimhe agus nach robh iad air mòran den sgìre san robh iad a' fuireach fhaicinn.

Aon uair 's gun robh iad aitr bòrd an trèana b' ann air dualchas agus nàdar a bha an cudrom. Chaidh na leasanan a thoirt seachad le sgioba de luchd-obrach ScotRail ann am com-pàirteachas ri oifigear bho Phoilis Còmhdhail Bhreatainn. Bha iad a' toirt seachad cunntas leantainneach air àiteachan anns an robh ùidh eachdraidheil agus comharran-tìre cruinn-eòlach - beanntan, mòintichean agus lochan mara. Bha taisbeanaidhean eadar-ghnìomhach mar clàr-suathaidh de thaisbeanaidhean fiadh-bheatha, ceasnachaidhean agus geamachan, dèanamh dealbh agus a' cur dath, agus bha a' chlann a' lìonadha-steach cheisteachain. B' e Sàbhailteachd Rèile agus na cunnartan ann a bhith a' dol thar chrìochan fearann an rèile agus a bhith a;' dèanamh milleadh tro bhandalachd air an reile agus a stoc gluaasadach teachdaireachd an rèile airson an latha.

Bha a' chiad chlasrum siubhail a' ruith à Inbhir Nis gu Caol Loch Aillse agus an uair sin chaidh am beachd a thoirt a-steach air an Loidhne a Tuath far an robh an trèana clasrùm a' frithealadh airson clann sgoile nas aosta. Bha an trèana air an Loidhne a Tuath a' toirt a' chlann sgoile à Inbhir Nis gu Bun Ilidh. Ann am Bun Ilidh bha a' chlann a' tadhail air ionad l;uchd-tadhail 'Timespan' far an robh na taisbeanaidhean a' cur ri na leasanan a chaidh a theagaisg air an trèana.

Fiosrachadh

O chionn còrr is ceud bliadhna, chaidh dhà de na rathaidean-iarainn as àillidh air an t-saoghal, Loidhne Rèile a' Chaoil agus Loidhne Rèile a Tuath, a thogail. Tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd air a ceangal ris a' chòrr de lìonra rèile na RA. Bho 1997 gu 2003, thog Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile deilbh nan trì loidhnichean sin, agus bho na h-ìomhaighean chaidh trì taisbeanaidhean a chruthachadh - 'Connections to the Kyle' ('Ceanglaichean dhan Chaol'), 'By Firth and Flow' ('Ri Caolas agus Sruth) agus 'The Highland Link' ('An Ceangail Gàidhealach'). Nochd na taisbeanaidhean air Lìonra Tasglann na h-Alba (SCAN) fon taisbeanadh dhidseatach 'North by Northwest' a chur air bhog gu h-oifigeil làrach Thasglann Nàiseanta na h-Alba air 5 an t-Ògmhios 2001 ann an Inbhir Nis. Sheas an co-obrachadh le SCAN gu 2009 nuair a chaidh 'North by Northwest' a ghluasad gu làrach-lìn Am Baile.

Tha 'North by Northwest' a' clàradh eachdraidh beò agus tha e a' clàradh boillsgeadh ann an tìm ann am beatha dhaoine agus an loidhne anns na bliadhnachan mu dheireadh den fhicheadamh linn agus toiseach a' chiad linn thar fhichead. Bha na taisbeanaidhean a' comharrachadh a' bhuaidh a bha aig rèile na Gàidhealtachd air daoine, sealladh-tìre agus eaconamaidh Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha sinn a' toirt taing airson taic don Luchd-urrais a leanas a mhaoinich an t-siurbhidh dhealbh camara de phrìomh loidhne na Gàidhealtachd, Loidhne a' Chaoil agus an Loidhne a Tuath le luchd-togail-dheilbh bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile eadar 1997 agus 2003:

Railtrack, Railtrack-Alba, Scotrail, EWS, Porterbrook, First Engineering, Com-pàirtichean Lìora Rèile na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt Rois & Chromaidh, Iomairt Ghallaibh agus Chataibh, Safeways, Caraidean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Comhairle Pheairt & Chinn Rois agus Comann Rèile na Gàidhealtachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana a' chlasrum [2]

1990an

rèile; rathaidean-iarainn; foghlam; clasrùm

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

North by Northwest - The Far North Line